Co-chomhairle phoblach 'son eun tearc air Ghàidhealtachd a dhìon

Gòbhlachan òr-chluasachTùs an deilbh, Chris Gomersall - rspb-images.com
  • Air fhoillseachadh

Chaidh co-chomhairle phoblach a chur air bhonn airson stiùireadh ionadail a stèidheachadh a chuireadh dìon air eun tearc timcheall air Loch Ruadhainn faisg air Inbhir Nis.

Tha an loch mar-thà air a chomharrachadh mar Làraich de Shuim Shònraichte Shaidheansail (SSSI).

Agus tha an sgìre na dachaigh dhan ghòbhlachan òr-chluasach, fear de na gnèithean eun as teirce anns an Rìoghachd Aonaichte.

Ach tha na h-àireamhan den eun seo air a bhith a' crìonadh agus tha fèill mhor air spòrs-uisge a-nis air an loch tro mhìosan an t-samhraidh.

'S e Comhairle na Gàidhealtachd a tha air a' cho-chomhairle a chur air bhonn le taic bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB), NàdarAlba agus am Fòram Inntrigidh Ionadail.

Leanaidh a' cho-chomhairle dhan 16mh den Chèitean agus thathar a' sireadh bheachdan air stiùireadh a dh'fhaodadh a bhith air a chur an sàs do luchd-tadhail, ag iarraidh orra gun a bhith a' cleachdan canù, bòrd-pleadhaige no a bhith a' snàmh air taobh an ear den loch eadar 1 am Màrt agus 31 an Lùnastal gach bliadhna.

Loch RuadhainnTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,

Tha spòrs-uisge air Loch Ruadhainn air fàs nas cumanta anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

A rèir Comhairle na Gàidhealtachd, tha leudachadh ann an spòrs-uisge bho 2020 a' ciallachadh gu bheil àrdachadh air thighinn air an àireimh de thachartasan far a bheil dragh ga chur air na h-eòin tron t-seusan briodaidh aca.

Seo an t-àm den bhliadhna nuair a bhios na gòbhlachanan òr-chluasach a' togail neadan ann an àiteachan falaichte agus a' snàmh a-mach dhan loch airson biadh a lorg.

Tha a h-uile gòbhlachan òr-chluasach a tha anns an Rìoghachd Aonaichte ri lorg anns na lochan a tha taobh a-staigh 30 mìle timcheall air Inbhir Nis.

Ach tha an àireamh de phaidhearean a tha a' briodadh air tuiteam bho timcheall air 80 tràth anns na 1990an gu 15 ann an 2023.

Agus tha an àireamh air Loch Ruadhainn fhèin air tuiteam gu dìreach trì paidhearan.

Thathar an dòchas, le a bhith a' lùghdachadh fuaim agus gluasadan air an loch, gum biodh na h-eòin nas dualtaiche iseanan àrach agus gun cuireadh sin stad air tuilleadh crìonaidh anns na h-àireamhan.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun cho-chomhairle agus faodaidh daoine beachdan a thoirt seachad an seo., taobh a-muigh