Rabhadh Buidhe 'son sneachda is deighe air a leudachadh

Làraidh-saillidh air seach-rathad an t-Sròim air taobh siar RoisTùs an deilbh, BBC WEATHER WATCHERS/EWAN1990
  • Air fhoillseachadh

Tha 25 sgoil agus 16 sgoiltean-àraich air Ghàidhealtachd dùinte ri linn na sìde fuair, agus Rabhadh Buidhe airson sneachda is deighe air a leudachadh gu Diardaoin.

Seo agus cha mhòr 100 sgoil is sgoil-àraich ann an Alba dùinte.

Tha Comhairle Mhoireibh cuideachd air ochd sgoiltean agus trì sgoiltean-àraich a dhùnadh, agus 46 sgoil dùinte ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Sgaoil Oifis na Sìde rabhadh buidhe, taobh a-muigh airson sneachda is deighe thar phàirtean de cheann a tuath agus taobh siar na h-Alba a bhios an sàs bho 10:00m Diciadain gu 12:00f Diardaoin.

Tùs an deilbh, BBC WEATHER WATCHERS/HAPPYDAYS

Tha rabhadh buidhe eile cuideachd an sàs, airson deighe, airson phàirtden de mheadhan, taobh siar agus taobh sear na h-Alba gu 10:00m Diardaoin.

Seo agus toiseach cho fuar 's a bha air geamhradh ann an 26 bliadhna air a bhith ann, 's i air tuiteam gu -11.2C ann am Bràigh Mhàrr.

B' ann an 1998 a chaidh -10.9C no nas ìsle a chlàradh ron 19mh là den t-Samhain.

Thuit i cho ìosal ri -10C ann an cuid de sgìrean eile den cheann a tuath cuideachd.

Chaidh -10.7C a chlàradh ann an Drochaid Thullaich ann an Loch Abar.

Tùs an deilbh, BBC WEATHER WATCHERS/TYKE

Thathas a' comhairleachadh do dhràibhearan a bhith faiceallach agus dùil ri deigh air na rathaidean an dèidh mar a thuit an còrr sneachda thar na h-oidhche air feadh na Gàidhealtachd agus Siorrachd Obar Dheathain.

Thuit i gu eadar -1C agus -4C air feadh na RA oidhche Mhàirt - cho fuar ri -7.8C ann an Roinn a' Mhonaidh.

Tha dùil ri frasan sneachda is flin mu thuath, gu h-àraid faisg air a' chosta.

Tha turadh fhathast ann am meadhan, ceann a deas agus air taobh sear na dùthcha, ach tha i reòta sa bhitheantas.

Tha dùil ri oidhche phuinnseanta fuar eile oidhche Chiadain.