Tubaist mhairbhteach an Asainte

An A837 faisg air Loch AsainteTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh às dèidh bàs fireannaich ann an tubaist rathaid air an A837 faisg air Loch Asainte.

Thachair an tubaist mu 11.05m Diciadain eadar dà motar-baidhg, BMW GS1250 dubh is Honda VFR dubh.

Chaochail fireannach, 61, a bha a' siubhal air a' BhMW, aig làrach na tubaiste.

Thugadh fireannach eile, 60, a bha air an Honda VFR, gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathainn is e air a dhroch ghoirteachadh.

Chaidh an rathad a dhùnadh ùine is rannsachadh a' dol air adhart.

"Tha na smuaintean againn le teaghlach is caraidean an duine a chaochail, is an fheadhainn eile air an tug an tubaist buaidh", thuirt an Sàirdseant Calum MacAmhlaidh bho Phoileas Alba.

"Tha rannsachadh a' leantainn is tha sinn 'son bruidhinn ri duine sam bith le fiosrachadh mun tubaist.

"Bu chòir gu seachd aràid daoine le dealbhan dash-cam fònadh thugainn air 101 is àireamh 1207 Diciadain 22/05 a thoirt seachad", thuirt e.