Seirbheisean-cùraim "ann an èiginn agus a' dol am miosad"

- Air fhoillseachadh
Thuirt BP Gàidhealach gu bheil seirbheisean-cùraim aig tuath ann an "èiginn" is gu bheil feum air plana-gnìomha bho Riaghaltas na h-Alba.
Bha an Lib Deamach Aonghas Dòmhnallach a' bruidhinn is a' chompanaidh HC-One air innse Diciadain gun dùin dachaighean-cùraim Blàr Buidhe an Steòrnabhagh is Moss Park ann an Caol a' Ghearasdain anns na mìosan ri thighinn.
Thuirt HC-One gur e co-dhùnadh duilich a bha seo dhaibh is gun robh iad air trì bliadhna a chosg a' feuchainn ri dòigh fhaighinn na dachaighean a chumail fosgailte.
Tha iad ag ràdh gur e trioblaidean le luchd-obrach fhaighinn is "cho iomallach" 's a tha Blàr Buidhe as coireach.
Thuirt HC-One nach dùin na dachaighean mus faigh an luchd-còmhnaidh uile àite-fuirich ùr.
Ach tha daoine anns na h-Eileanan an Iar is ann an Loch Abar ag ràdh gur e buille mhòr a tha san naidheachd.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil an suidheachadh a' sealltainn uair eile cho cugallach 's a tha gnothaichean le companaidhean prìobhaideach a' toirt seachad cùraim ann an sgìrean dùthchail.
Tha iad ag ràdh gu bheil feum air atharrachaidhean bunaiteach san roinn.
Dh'innis iad cuideachd gu bheil Compàirteachas Cùram Slàinte is Sòisealta nan Eilean Siar a' coimhead ri goireasan aig Bremner Court ann an Steòrnabhagh a chleachdadh do luchd-còmhnaidh Blàr Buidhe, agus luchd-obrach Blàr Buidhe a chumail.
An-dràsta tha 37 neach a' fuireach san dachaigh is 71 duine ag obair ann, cuid a tha pàirt-ùine.
"Sgriosail"
Nochd iomagain ann an Loch Abar cuideachd.
Tha 39 leabaidh an sin is 42 duine ag obair ann.
Tha bean Willie Ritchie a' fuireach ann an Moss Park. Tha esan ag ràdh nach eil mòran roghainnean eile anns an sgìre ma dhùineas an dachaigh.
"Mura faigh sinn àite eile faisg air làimh cha bhi dol às agam ach mo bhean a thoirt dhachaigh a-rithist.
"Chan eil i a' bruidhinn no a' gluasad is tha dùbhlain mhòra, mhòra ann.
"Chan eil mi leam fhìn san t-suidheachadh seo. Tha e sgriosail."
Dh'iarr Aonghas Dòmhnallach air NHS na Gàidhealtachd is Comhairle na Gàidhealtachd a dhol an sàs gus Moss Park a chumail fosgailte.
Ach tha e ag ràdh gu bheil feum air taic riaghaltais gus dèiligeadh ri duilgheadasan bunaiteach ann an roinn a' chùraim aig tuath.
"Tha sluagh na Gàidhealtachd a' fàs nas sine," thuirt Mgr Dòmhnallach.
"Feumaidh sinn coinneamh le Rùnaire na Slàinte Neil Gray gus coimhead air mar a tha cùram ga thoirt seachad air Ghàidhealtachd san ùine fhada.
"Tha sinn ann an èiginn agus tha e a' dol am miosad."
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' leantainn an t-suidheachaidh aig Moss Park is gu bheil iad a' conaltradh le NHS na Gàidhealtachd is Coimisean a' Chùraim.
Thuirt iad nach eil iad airson is gun dùin dachaighean-cùraim a th' aig àrd-ìre is gu bheil iad a' tuigsinn nan draghan a tha air luchd-còmhnaidh agus an teaghlaichean.