Dachaigh-cùraim Blàr Buidhe gus dùnadh

Blàr BuidheTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Thèid dachaigh-cùraim Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh a dhùnadh.

Dhearbh a' chompanaidh leis a bheil an dachaigh, HC-One, gun dùin Blàr Buidhe agus dachaigh-cùraim Moss Park sa Ghearasdan anns na mìosan ri thighinn.

Tha àite ann am Blàr Buidhe airson suas ri 38 neach-còmhnaidh is an dachaigh a' tabhainn cùram nursaidh is cùram dementia.

Tha 37 neach a' fuireach san dachaigh an-dràsta is 71 duine ag obair ann, ged nach eil iad uile làn-ùine.

Tha 39 leabaidh ann an dachaigh Moss Park.

Thuirt HC-One gur e co-dhùnadh duilich a bh' ann dhaibh is gu bheil iad air a bhith ag obair leis na h-ùghdarrasan ionadail is an NHS fad trì bliadhna feuch dòigh fhaighinn na dachaighean a ghlèidheadh.

Dh'innis iad gu bheil duilgheadasan air a bhith aca luchd-obrach gu leòr fhaighinn aig Moss Park gus "àrd-ìre de chùram a thoirt seachad", is gu bheil "cho iomallach" 's a tha Blàr Buidhe a' fàgail nach urrainn dhaibh taic a chumail ris an dachaigh san ùine fhada.

Thuirt HC-One gu bheil iad mothachail air a' bhuaidh a bheir seo air a' choimhearsnachd ann an Steòrnabhagh agus Loch Abar.

Thuirt iad nach dùin na dachaighean mus faigh an luchd-còmhnaidh uile àite-fuirich ùr.

Buille

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gur e naidheachd "uabhasach duilich a th' ann dha CnES agus dha na h-Eileanan an Iar san fharsaingeachd".

Thuirt iad gur e an luchd-còmhnaidh am prìomhachas aca is gun obraich iad gus àitichean-fuirich ùra fhaighinn dhaibh.

Tha a' chomhairle ag ràdh cuideachd gu bheil an suidheachdh a' sealltainn a-rithist cho cugallach 's a tha gnothaichean le companaidhean prìobhaideach a' toirt seachad cùram ann an sgìrean dùthchail.

"Tha an siostam a' fàgail gun urrainn do chompanaidhean seirbheisean a tharraing nuair a tha modailean gnothachais is prìomhachasan ag atharrachadh, a' fàgail glè bheag de thaic airson seirbheisean air leth cudromach mar Bhlàr Buidhe a chumail a' dol", thuirt ceannard CnES, Pòl Steele.

"Tha Comhairle nan Eilean Siar air seo a thogail tric le Riaghaltas na h-Alba is cumaidh sinn oirnn le iomairt gus atharrachadh bunaiteach a thoirt air a' chùis", thuirt e.

Dh'innis Com-pàirteachas Cùram Slàinte is Sòisealta nan Eilean Siar gu bheil iad air a bhith a' coimhead air na roghainnean a bhiodh ann nan rachadh Blàr Buidhe a dhùnadh, às dèidh do HC-One a cur air a' mhargaidh.

Thuirt iad gu bheil iad a' coimhead air goireasan aig Bremner Court a chleachdadh agus luchd-obrach Blàr Buidhe a chumail.

Tha iad ag ràdh gu bheil na còmhraidhean sin a' leantainn.