Coidse ùr eadar-amail do sgioba na h-Alba
- Air fhoillseachadh
Tha an SFA air Mìchael McArdle ainmeachadh mar choidse ùr eadar-amail sgioba nàiseanta nam ban.
Tha McArdle a' dol an àite Pedro Martinez Losa, a dh'fhàg a dhreuchd air a' mhìos seo chaidh is e air fàiligeadh air Alba a stiùireadh gu Euro 2025.
Bha Alba cuideachd air call a-mach air àite aig Cupa na Cruinne ann an 2023 fo Mhartinez Losa.
Bha Mìchael McArdle roimhe na leas-mhanaidsear aig Ayr United is na choidse aig St Mirren.
San dà bhliadhna mu dheireadh tha e air a bhith os cionn ball-coise nam ban aig àrd-ìre ann an Alba is dleasdanas air cuideachd 'son nan sgiobaidhean nàiseanta aig ìre Fo 17 is Fo 19.
Thuirt àrd-oifigear an SFA, Iain Maxwell, gu bheil McArdle air "obair mhòr a dhèanamh" bho thòisich e aig an SFA.
"Le Mìchael mar choidse eadar-amail 's urrainn dhuinn ullachadh airson nan geamaichean againn ann an Lìog nan Nàiseanan fhad 's a tha sinn ag obair air còidse leantainneach a thoirt a-steach", thuirt Maxwell.
"Tha e cudromach gun tòisich an sgioba gu làidir ann an Lìog nan Nàiseanan is tha sinn den bheachd gum bi eòlas Mhìcheil gu math cudromach dhuinn aig àm nuair a tha an sgioba eadar coidsichean".
Cluichidh Alba air falbh an aghaidh na h-Ostaire air an 21mh den Ghearran is bidh iad aig an taigh an aghaidh na h-Òlaid ceithir là às dèidh sin.