Lulu a' dol a dh'èigheach aig HebCelt

LuluTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

'S iad Lulu agus Skerryvore na prìomh cheòladairean a nochdas aig Fèis Cheilteach Innse Gall san Iuchar am-bliadhna.

Tha barrachd bhoireannach na bha riamhe roimhe am measg an luchd-ciùil a nochdas aig an fhèis am-bliadhna - 70% den àireimh iomlain, eadar còmhlain a tha fo stiùir bhoireannach, no le buill bhoireann.

Tha an fheadhainn air cùl na fèise ag ràdh gun deach aca air luchd-ciùil a chothromachadh 50:50 a thaobh ghnè bho 2014.

Am measg cheòladairean boireann eile a nochdas am-bliadhna, tha Nina Nisbet agus Eddi Reader.

Tha còrr air 30 ainm air an dearbhadh airson nochdadh aig an fhèis, ach tha dùil gun èirich an àireamh sin gu còrr air 40 aon uair 's gun tèid tachartasan air an iomall a dhearbhadh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Michelle Shields bhon HebCelt agus an tè-chiùil Josie Duncan

Tha Lulu, aig a bheil 10 òran singilte sa Phrìomh 10 bho na 1960an, aithnichte airson a' chiad òrain mhòir aice Shout, agus sheinn i an t-òran Relight My Fire le Take That anns na '90an.

Bha i aig mullach a' chlàr-ghnothaich aig Glastonbury na bliadhna an-uiridh.

Thuirt i gun robh i a' dèanamh fiughair ri bhith a' tadhal air na h-Eileanan Siar as t-Samhradh.

Thuirt stiùiriche agus prògramaiche an luchd-ciùil aig HebCelt, Michelle Shields, gu bheil clàr-gnothaich fèis na bliadhna seo a' comharrachadh iomadachd ann an saoghal a' chiùil.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha iar-chathraiche HebCelt Eilidh Laing air a dòigh gu bheil Lulu a' tighinn dhan fhèis

"Tha fèis na bliadhna seo a' comharrachadh ciùil thar nan ginealaichean, bho threòirichean leithid Lulu agus Eddi Reader, chun an ath ghinealaich de rionagan leithid Nati, Josie Duncan agus Lauren Collier," thuirt i.

Cuideachd a' nochdadh tha an còmhlan roc Ceiltich Skerryvore, a tha am-bliadhna a' comharrachadh 20 bliadhna bho thòisich iad.

Tha Tide Lines, Beluga Lagoon, Samba Sene agus Diwan, Trail West agus Tom McGuire and the Brassholes cuideachd dearbhte.

Chaidh HebCelt a chumail an toiseach ann an 1996, le còmhlain leithid Runrig, The Fratellis, The Proclaimers agus KT Tunstall air nochdadh ann thar nam bliadhnaichean.

Thèid fèis na bliadhna seo a chumail eadar an 16mh agus an 19mh là den Iuchar.