Ceiltich an Òbain a' tarraing às farpaisean 'son a' chòrr den t-seusan

- Air fhoillseachadh
Dh'innis sgioba Ceiltich an Òbain do Chomann na Camanachd gu bheil iad a' tarraing às na farpaisean 'son a' chòrr den t-seusan.
Tha an sgioba a tha a' cluiche ann an Lìog Nàiseanta Mowi ag ràdh gur e cion chluicheadairean as coireach.
Ann am brath-naidheachd, thuirt Comann na Camanachd gun robh Ceilitich an Òbain air mìneachadh dhaibh gun robh iad a' dèanamh an dìchill gus sgioba a chur air a' phàirc.
Ach thuirt an cluba gun robh e a' sìor fhàs nas duilghe dhaibh sgioba a chur mu choinneamh nan geamaichean a bha romhpa.
Tha iad air co-dhùnadh tarraing a-mach às na farpaisean aca 'son a' chòrr den t-seusan seo.
Thuirt Comann na Camanachd gu bheil iad a' tuigsinn nach robh e furasta dhan chluba an co-dhùnadh seo a ghabhail agus gu bheil iad a' cur taic ris na planaichean aca airson an sgioba ath-thogail 'son a bhith deiseil airson seusan 2025.
Tha an golfair às an Òban, Raibeart Mac an t-Saoir, am measg an fheadhainn a tha air cluiche do Cheiltich an Òbain.
Cead do stuth Facebook?
Tha stuth bho Facebook an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig Meta ‘son Facebook mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.
Bha Ceilitich an Òbain airson taing a thoirt do dh'Inbhir Aora agus don Ghearasdan airson an taic a thug na sgiobaidhean sin dhaibh aig àm a bha gu math dùbhlanach.
A rèir nan riaghailtean aig Comann na Camanachd, ma tha sgioba sam bith a' tarraing a-mach às an lìog gun an còrr gheamaichean a chaidh a chur air dòigh a chluiche, gun tèid cur às do na puingean a ghlèidh iad.
Thèid cur às cuideachd do na tadhail a chuir iadsan agus do na tadhail a chuir sgiobaidhean eile nan aghaidh.