Adhartas mòr san obair coilltean dùthchasach ath-bheòthachadh

Craobhan-crithinn agus giuthais AlbannachTùs an deilbh, Trees for Life
Fo-thiotal an deilbh,

Craobhan-crithinn agus giuthais Albannach

  • Air fhoillseachadh

Tha còrr is 80 luchd-obrach saor-thoileach air 2.2 millean sìol craoibhe tearc a chruinneachadh sa cheud seusan de phròiseact a mhaireas trì bliadhna airson coilltean dùthchasach na h-Alba ath-bheòthachadh.

'S e na buidhnean Trees for Life agus Urras Coilltean na h-Alba a th' air cùl na h-iomairte.

Thèid aca air 1.5 millean craobh a thogail le na chaidh a chruinneachadh de shìl - mòran a bharrachd na an targaid de 500,000 craobh.

Chaidh sìl bho chraobhan tearc a thogail bho na tha air fhàgail de sheann choilltean dùthchasach na dùthcha san Eilean Sgitheanach, na h-Eileanan an Iar agus Arcaibh, agus bho choilltean-uisge air costa siar na h-Alba.

Tùs an deilbh, Trees for Life
Fo-thiotal an deilbh,

A' cruinneachadh sìl aitinn

Tha gintinneachd nach fhaighear ach an Alba aig tòrr de na craobhan a' dol air ais gu deireadh an Linn-Deighe mu dheireadh agus 's e sin tha am pròiseact airson a ghlèidheadh.

'S i Roz Birch a tha a' co-òrdanachadh an fheadhainn a tha a' cruinneachadh nan sìol.

"'S e togail-inntinn a th' ann a bhith a' faicinn cho dealasach 's a tha na saor-thoilich a dh'fhàg gun do shoirbhich cho mòr leis a' phròiseact, agus a bhith a' faicinn cho toilichte 's a tha iad gu bheil an obair aca a' cur ri bhith a' dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde agus call bìth-iomadachd," thuirt i.

Tha nas lugha na 2% air fhàgail de Choille Chailleannach na h-Alba agus, mar sin, tha e riatanach gun tèid craobhan ùra a chur airson a cumail buan.

Tha saor-thoilich Trees for Life air còrr air dà mhillean craobh a chur aig na dusanan de làraichean air feadh na Gàidhealtachd ag ath-bheòthachadh àrainneachd sa bheil a leithid feòragan-ruadha, an capall-coille agus cam-ghoban a' tighinn beò.

Tùs an deilbh, Trees for Life
Fo-thiotal an deilbh,

Luchd-obrach saor-thoileach a' cruinneachadh sìl aig Loch Bheannchair faisg air Calasraid