Casg do dhaoine òga air na meadhanan-sòisealta?

Tha làraichean mar TikTok air an cleachdadh le na milleanan dhaoine òga
- Air fhoillseachadh
Nas fhaide den bhliadhna seo bidh daoine fo aois 16 air an glasadh a-mach às na meadhanan-sòisealta ann an Astràilia.
Às dèidh deasbad nàiseanta, cho-dhùin riaghaltas Anthony Albanese aig deireadh na bliadhna seo chaidh gun robh na meadhanan-sòisealta mas fhìor a' dèanamh barrachd cron na feum don òigridh.
A-nisde, tha buill-phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte a' cnuasachadh an dèan iadsan an aon seòrsa rud.
Cunnartan nan meadhanan-sòisealta
Thuirt Rani Govender, manaidsear poileasaidh aig an NSPCC: "Tha sinn a' cluinntinn bho òigridh a tha ag innse dhuinn mu algorithms a tha cunnartach, neo mu shusbaint a tha cunnartach neò nach eil fìor.
"Tha iad a' faicinn fòirneirt agus stuthan drabasta.
"Tha iad cuideachd a' faighinn theachdaireachdan bho dhaoine air nach eil iad idir eòlach air loidhne – rud as urrainn a bhith na chùis chunnartach dha-rìribh," mhìnich i.

Tha Rani Govender na manaidsear poileasaidh aig an NSPCC.
Tha Buidheann Slàinte na Cruinne cuideachd iomaigeanach mu dheidhinn buaidh nam meadhanan-sòisealta air daoine òga.
Thug iad rabhadh gu bheil barrachd òigridh air feadh an t-saoghail a' cleachadh nan làraichean sòisealta nas trice na bha a-riamh, fiù 's chun na h-ìre gu bheil iad an eisimeil orra.
Tha sin a' ciallachadh cion-chadail agus trioblaidean co-cheangaitle ri slàinte-inntinn.
'Tòrr chothroman' an cois nam meadhanan-sòisealta
Ach, tha na meadhanan-sòisealta aig cridhe bheathannan mhòran dhaoine òga sa là an-diugh,
Tha cothroman nan cois a rèir Alasdair Condie, a tha ag obair sna meadhanan-sòisealta.
"B' e na meadhanan-sòisealta far a bheil mi a' cleachdadh Gàidhlig ann an àiteachan a-mach às a' chlassroom, a-mach às an oilthigh.
"Agus bhon sin, thòisich mi ag obair le Young Scot, le Radio nan Gàidheal, agus tha tòrr chothroman air fhosgladh air mo shon.
"Tha na meadhanan-sòisealta gu math feumail airson tòrr dhaoine," thuirt e.

Tha Alasdair Condie ag obair anns na meadhanan-sòisealta.
Tha Alasdair teagmhach mu chasg a bhith air a thoirt a-steach do dhaoine òga.
Tha e a' moladh a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil na meadhanan-sòisealta a freagairt air diofar aoisean, mar a tha a' tachairt le fiolmaichean neo geamannan-bhideo, far a bheil rangan aoise ann.
Tha aon rud cinnteach, tha na meadhanan-sòisealta an-diugh air an stèidheachadh mar phàirt gu math bunaideach do bheathannan nan milleanan dhaoine òga.
Leanaidh an deasbad mu a bheil iad a' dèanamh barrachd cron na feum.
Chan eil cinnt ann fhathast mu mar bu chòir dèiligeadh ris a' cheist an seo am Breatainn.
Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Yvette Cooper, nach b' urrainn dhan riaghaltas dearbhadh taobh seach taobh dè nì iad - agus gum faodadh gun cuir iad casg fhathast air daoine òga bho na meadhanan-sòisealta