Thig àrdachadh 15% air cosgaisean taigh-spadaidh Steòrnabhaigh

'S e Comhairle nan Eilean Siar an aon ùghdarras ionadail sa Rìoghachd Aonaichte a tha a' ruith taigh-spadaidh
- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich buill comataidh na h-Eaconmaidh agus a' Bhun-structair aig Comhairle nan Eilean Siar Diciadain cosgaisean taigh-spadaidh Steòrnabhaigh a chur suas 15% san t-seusan a tha romhainn.
Chuala a' chomataidh gun do rinneadh mearachd a thaobh an teachd a-steach a bhathar a' sùileachadh an-uiridh agus na bha an taigh-spadaidh a' cosg air dealan agus gum feumar, mar sin, prìsean a chur suas feuch nach bi easbhaidh cho mòr am buidseat a' ghoireis ann an 2024.
Thàinig àrdachadh os cionn ìre na h-atmhorachd air cosgaisean do chroitearan a h-uile bliadhna bho 2018 agus an t-ùghdarras ionadail, a tha a' lìbhrigeadh na seirbheis, a' feuchainn ris na leabhraichean a chothromachadh.
'S e Comhairle nan Eilean Siar an aon ùghdarras ionadail sa Rìoghachd Aonaichte a a tha a' ruith leithid de ghoireas ged nach eil iad fo uallach reachdail a dhèanamh.
Cuid de na cosgaisean airson seusain 2024:
£44.65 - caora nas sine na 12 mìosan
£253.17 - beathach mairt nas sine na 30 mìosan
£133.94 - muc nas truime na 75kg
£40.56 - gobhar

A rèir na h-aithisg a bha air beulaibh chomhairlichean tha dùil fhathast ri call ged a thèid prìsean an-àirde.
Chaidh 2,338 caoraich, 131 beathaichean mairt agus 73 mucan a spadadh ann an 2023.
Ma thèid an aon àireamh bheathaichean a spadadh am-bliadhna thathar a' tomhas gum bi teachd a-steach luach £140k ann.
Ach tha dùil gun cosg e suas ri £180k an goireas a ruith ann an 2024 agus gum faodadh gum bi iad gann £40k am-bliadhna.
Thèid an taigh-spadaidh fhosgladh san Iuchar ach seachdain nas anmoiche na an-uiridh mar oidhirp cosgaisean a lùghdachadh.
Dh'aontaich comhairlichean gun tèid buidheann-obrach a stèidheachadh airson coimhead às ùr air a' chuspair.