Oileanaich mheidigeach Afghanach air Alba a ruighinn

Na h-oileanaich aig Port-adhair Dhùn Èideann còmhla ri John is Lorna Norgrove, urrasairean Bunait Linda Norgrove, is Jenny Gilruth bho Riaghaltas na h-Alba is Ciorstaidh NicNèill bho Oifis na h-Alba aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte
- Air fhoillseachadh
Tha 19 oileanaich mheidigeach Afghanach air Alba a ruighinn gus na ceumanan aca a chrìochnachadh.
'S e Bunait Linda Norgrove a bha air cùl na h-iomairt gus na boireannaich a thoirt a dh'Alba, is na Taleban air casg a chur air an fhoghlam aca aig an taigh.
Cha robh cead aca an dachaighean ann an Afghanistan fhàgail is mòran dhiubh ann an eagal am beatha.
Chaidh Bunait Linda Norgrove a stèidheachadh mar chuimhneachan air Linda, a Leòdhas, a chaidh a marbhadh ann an Afghanistan ann an 2010.
Thòisich a' Bhunait iomairt bho chionn trì bliadhna gus na h-oileanaich a thoirt a dh'Alba is iad air aonta a dhèanamh le ceithir oilthighean Albannach gus àitichean a thoirt dhaibh, ach 's ann a chuir biurocrasaidh maill air na h-oidhirpean aca.
Tha na h-oileanaich a-nise ann an Alba is a' Bhunait ag ràdh gur e co-obrachadh eadar na riaghaltasan ann an Lunnainn is Dùn Èideann a thug seo gu buil.
Chuir Oifis na h-Alba moladh air adhart visathan oileanach a chleachdadh mar dhòigh air na h-Afghanaich a thoirt dhan Rìoghachd Aonaichte, is Riaghaltas na h-Alba an uairsin ag innse gun rachadh reachdas a thoirt air adhart gus riaghailtean maoineachaidh atharrachadh is inbhe a thoirt dha na boireannaich mar oileanaich Albannach.
Tha seo am measg eile a' ciallachadh nach bi aca ri cìsean nan oileanach a phàigheadh.
Solas
Phàigh Bunait Linda Norgrove £60,000 gus na h-oileanaich a thoirt a dh'Alba agus an stèidheachadh san dùthaich.
"Tha sinn air ar dòigh gu bheil gnothaichean air tighinn gu buil mu dheireadh thall, is cothrom a-nise aig na boireannaich òga thàlantach seo air foghlam air leth is beatha soirbheachail, rud nach robh aca ann an Afghanistan", thuirt John Norgrove, athair Linda.
"Tha sinn cho taingeil dhan a h-uile duine a chùm taic rinn aig gach ìre. Tha sinn gu h-àraidh toilichte aig àm nuair a tha sgaraidhean ann gun do dh'obraich Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte is na h-Alba còmhla gus fuasgladh fhaighinn dha na boireannaich seo".
Thuirt tè de na h-oileanaich, Omulbanin Sultani, gur e là sònraichte dha-rìribh a bh' ann dhaibh nuair a ràinig iad Alba.
"Tha sinn làn toileachais a bhith an seo air an là àlainn a tha seo.
"Bha 1000 là de dh'fhulangas againn gus an là seo a ruighinn, 1000 là air ar cumail nar dachaighean, 1000 là nuair nach b'urrainn dhuinn bruidhinn a-mach, 1000 là gun dad againn ach deòir is bròn.
"Tro na làithean garbh sin 's e Bunait Linda Norgrove an solas a bha againn ann an saoghal dorcha.
"Shàbhail iad ar beatha sa h-uile dòigh is bidh cuimhne againn air seo a chaoidh".
Bidh na h-oileanaich stèidhichte aig Oilthighean Chill Rìmhinn, Ghlaschu, Dhùn De, is Obar Dheathain.