Còmhraidhean iasgaich gun aonta
- Air fhoillseachadh

Thathas ag iarraidh air an AE smachd-bhannan a chur an sàs.
Tha ceannardan iasgaich na h-Alba ag ràdh gur e briseadh dùil a bh' ann an còmhraidhean a chaidh a chumail Diluain agus nach tàinig gu co-dhùnadh air cuotathan an rionnaich.
Tha an t-Aonadh Eòrpach (AE), Nirribhidh, Innis Tìle agus na h-Eileanan Fàrach gan riochdachadh aig na còmhraidhean.
Chaidh na dùthchanan eileanach a dhubh-chàineadh sna bliadhnaichean mu dheireadh, air dhaibh innse gun do chuir iad meud mòr dha-rìribh den iasg luachmhor air tìr.
Chaidh uidhir a ghlacadh 's gu bheil dragh ann mu cho seasmhach 's a tha stoc an rionnaich.
Tha Comann Iasgairean Pealagach na h-Alba ag ràdh gum feum an AE a-nise smachd-bhannan a chur an sàs.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh