Sgrùdadh air teine a chuireadh ri carabhan a dh'aona-ghnothach

'S ann air Rathad Telford a bha an teine
- Air fhoillseachadh
Dh'innis na poilis gun bheil iad a' sgrùdadh teine a chaidh a chur ri carabhan ann an Inbhir Nis a dh'aona-ghnothach.
Thachair e air Rathad Telford sa bhaile mu 18:30 feasgar Diciadain.
Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm chun na làraich agus chuir iad an teine às.
Thuirt neach-labhairt nam poileas nach eil aithrisean ann gun deach duine a ghoirteachadh agus gu bheil an sgrùdadh aca a' leantainn.