Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00

  • Air fhoillseachadh

Turas Rìoghail dhan Ròimh

Tha an Rìgh agus a' Bhànrigh aig toiseach an turais eachdraidheil dhan Bhatacan. Bidh an Rìgh Tearlach agus am Pàp Leo ag adhradh còmhla ann an Seipeal Sistine, a' chiad uair ann an 500 bliadhna a nì monarc Breatannach agus Pàp ùrnaigh còmhla.

Jess Phillips

Tha feadhainn a tha faisg air an Riaghaltas ag ràdh gu bheil Rùnaire na Dùthcha a' cur a làn taic ri Ministear na Sàbhailteachd, Jess Phillips, air am bheil cuideam a dreuchd fhàgail. Tha ceathrar bhoireannach a dh'fhuiling aig gràisgean grumaidh 's a chuir bhuapa an dreuchd air bòrd-stiùiridh an rannsachaidh ag ràdh nach eil earbsa aca tuilleadh anns a' mhinistear. Tha easaonta ann mu cò an cathraiche a bhios air an rannsachadh.

Bàtaichean beaga

Tha aithrisean sa Fhraing nach eil na h-ùgdarrasan an sin a' cumail ri an gealltanas do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun cuireadh iad stad air bàtaichean beaga nan inmrichean sa Chaolas Shasannach. Tha dragh anns an Fhraing nan cuireadh iad stad air bàtaichean, gum biodh bàs aig muir agus gum faodadh casaidean eucoir tighinn orra. Tha Oifis na Dùthcha ag iarraidh air an Fhraing an sgeama a chur an sàs air a' chiad chothrom.

An Ucràin

Chuir Ceann-suidhe na h-Ucràin Volodymyr Zelensky fàilte air na casg-bhannan a chuir Dòmhnall Trump air dhà de na companaidhean ola as motha a th' anns an Ruis. Thuirt Mgr Zelensky gun cuir sin cuideam air an Ruis sgur den chogadh anns an Ucràin. Thuirt Moscow ge-tà nach toir na casg-bhannan buaidh mhòr sam bith air an eacomamaidh aca.

Bann-leathann Thiriodh

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun d' fhuair iad gealltanas bho OpenReach gu bheil a' chompanaidh chonaltraidh a' toirt prìomhachais do dh'Eilean Thiriodh a th' air a bhith trì seachdainean as aonais bann-leathainn. Chaidh càball fon mhuir a mhilleadh ann an stoirm aig toiseach na mìos agus chan eil cinnt cuin a thèid a chàradh. Thuirt Urras Leasachaidh Thiriodh nach tug an riaghaltas mòran feairt orra gus an do rinn iad gearan gu poblach mun chùis.

Taighean san Eilean Sgitheanach

Tha 15% de na taighean a chaidh ùr-thogail san Eilean Sgitheanach sa chòig bliadhna mu dheireadh gan cleachadh mar àitichean-còmhnaidh air màl ghoirid. Dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd na figearan sin mar phàirt den rannsachadh air a' phlana airson smachd air màl ghoirid. Agus fhuair an rannsachadh gur iad feadhainn nach eil a' fuireach air a' Ghàidhealtachd a tha a' ceannach a' mhòr-chuid de thaighean an Eilein Sgitheanach agus Loch Aillse.