An iomairt o chionn 100 bliadhna 'son colaiste Ghàidhlig an Eilean Ì

Dealbh a rinn ailtire sna 1930an dhen cholaiste a bha air a mholadh ann an Eilean Ì
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh a rinn ailtire sna 1930an dhen cholaiste a bha air a mholadh ann an Eilean Ì

  • Air fhoillseachadh

Nam biodh tu a' leughadh nam pàipearan-naidheachd ann an 1925, tha grunn sgeulachdan mòra a bhiodh air d' aire, math dh'fhaoidte, a ghlacadh.

Aig toiseach na bliadhna, chaidh Benito Mussolini a dhèanamh na làn-dheachdaire air an Eadailt; as t-samhradh, chuireadh a' chompanaidh chàraichean Chrysler air bhonn ann an Detroit; agus chaidh an duais Nobel airson litreachais a bhuileachadh air an sgrìobhadair Èireannach, George Bernard Shaw, san Dùbhlachd.

Ach nan robh thu a' toirt sùil beagan nas dlùithe air na pàipearan Albannach, tha teansa ann gum biodh do shùilean air laighe air deasbad a bha a' dol àig àird na teasaich aig an àm.

Bha sin a thaobh iomairt gus colaiste Ghàidhlig mhòr a chur air bhonn ann an Eilean Ì.

Bha an cuspair air aire an sgrìobhadair seo anns an North Star air an 7mh den Ghearran, 1925.

And so, after all, we are likely to have a Gaelic college or University in Iona, with the foundation stone likely to be laid in the autumn of next year.

At least we gather this information from an interview which a Glasgow Herald correspondent had last week with Mr Angus Robertson, President of An Comunn Gaidhealach...which many in the Highlands would have read with even greater interest than the reports in the same issue of the great Liberal Conference in London.

Eilean ÌTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

B' e Eilean Ì, far an do stèidhich Calum Cille manachainn ann an 563, a bha air a mholadh an toiseach mar làrach airson na colaiste

Cha robh a' chùis idir cho faisg 's a bha air a dhèanamh a-mach sa cholbh seo, ged a bha gun teagamh spionnadh air cùl iomairt a thòisich dà bhliadhna ron sin.

Seo mar a bha am Press and Journal air a h-aithris air an 9mh dhen Lùnastal 1923.

A scheme is on foot for the establishment of a Gaelic college in Iona.

Canadian Gaels are interested in the project and the members of An Comunn Gaidhealach and others attached to the cause are considering the proposal.

According to Mr Angus Robertson it would be a Mecca to which Highlanders and Scotsmen generally throughout the world would turn for cultural instruction.

22 roinn agus 500 oileanach

Mar a mhìnich an luchd-naidheachd, b' e ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, an Sgitheanach Aonghas MacDhonnchaidh, a bha os cionn na h-iomairt gus colaiste Ghàidhlig a thogail ann an Eilean Ì.

Bha esan na cheann-suidhe air a' Chomunn bho 1922 gu 1927 agus bha e gu mòr an sàs ann am beatha nan Gàidheal am baile Ghlaschu, far an robh e a' fuireach.

Bha e ag iarraidh ionad foghlaim do dh'inbhich a thoirt gu bith airson Gàidheil na h-Alba agus luchd-labhairt a' chànain air feadh an t-saoghail.

Cha bheag na planaichean a bha aige: bha e a' moladh colaiste le 22 roinn agus rùm airson 500 oileanach.

Am measg nan cuspairean a bhiodh gan teagasg, bha eachdraidh, cànan agus litreachas, feallsanachd agus saic-eòlas, agus cuspairean nas dreuchdaile.

Chaidh buidheann air an robh an Iona Society a chur air bhonn gus na planaichean a thoirt air adhart.

Bha ceistean ge-tà, a' cuairteachadh na cùise bhon chiad dol a-mach.

"Bhon fhìor thoiseach cha mhòr bha daoine car teagmhach mu na planaichean," mhìnich an t-Oll Wilson MacLeòid, a tha air sgeul na h-iomairt a rannsachadh.

"Bha iad anabarrach àrd-amasach. Bha iad a' sireadh £2m agus ann an airgead an là an-diugh, is dòcha còrr is £100m a bha iad a' sireadh.

"Bha iad ag iarraidh oighreachd 10,000 acair airson teagasg agus foghlam a thaobh àiteachais a chur air bhonn."

Coinneamh le Calvin Coolidge

Bha daoine ceart a bhith teagmhach, oir, gu follaiseach, 's e sgeama a bha seo a bhiodh air a bhith air leth duilich a thoirt gu buil.

Ach rinn Aonghas MacDhonnchaidh oidhirp co-dhiù gus beagan feòla a chur air na cnàmhan, is e ag amas air taobh eile a' Chuain Shiair airson taic.

"Chaidh e dha na Stàitean Aonaichte dà thrup air tursan, airson òraidean a dhèanamh, a' coinneachadh ri luchd-taic is mar sin air adhart," thuirt an t-Oll MacLeòid.

"Bha e a' sireadh taice bhon New York Chamber of Commerce mar eisimpleir.

"Ann an 1927, fhuair e fiù 's coinneamh le ceann-suidhe nan Stàitean Calvin Coolidge a bhruidhinn mu na planaichean."

Bha ceann-suidhe Oilthigh Cholumbia agus deasaiche an New York Times am measg bhall air meur Aimeireaganach den Iona Society a chaidh a chur air bhonn ann an 1927 gus taic a thrusadh.

Seòmraichean Malairt New YorkTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Seòmraichean Malairt New York am measg nan àitichean far an deach Aonghas MacDhonnchaidh gus airgead a thogail

Tha dealbh a rinn ailtire a' sealltainn an t-seòrsa rud mun robh iad a' bruidhinn - biast de thogalach ann an cruth croise, nas coltaiche ri Oilthigh Ghlaschu no colaiste ann an Oxford no Cambridge, na togalach ris am biodh dùil air a' chosta an iar.

Thug an Seacadh Mòr buille mhòr air na planaichean airgead a thrusadh à Aimearaga a Tuath, ged a lean an deasbad gu àm an Dàrna Cogaidh.

Chaidh beachdachadh air làraichean eile air a shon seach Eilean Ì, agus tìr-mòr taobh an iar na Gàidhealtachd agus Siorrachd Pheairt am measg nam molaidhean a bha ann.

Sgoil Dhùthchail ann an Canaigh

CanaighTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha plana eile sna 30an gus ionad foghlaim a stèidheachadh ann an Canaigh

Sna 30an, nochd plana airson ionad foghlaim de sheòrsa eile air eilean air a' chosta an iar - an turas seo ann an Canaigh.

"Rud ris a chanadh iad Folk High School a bh' ann," mhìnich an t-Oll MacLeòid.

"Bha sin gu ìre stèidhichte air rud a bha a' dol anns na dùthchannan Lochlannach - colaiste airson sgilean dùthchail, a thaobh àiteachais, coilltearachd is rudan mar sin."

Bha e air a mholadh ann an Eilean Chanaigh leis gur ann leis an sgoilear Ghàidhlig Iain Latharna Caimbeul a bha an t-eilean agus bha e deònach fearann a thoirt seachad.

Ach ann am beachd an Oll MacLeòid, coltach ris na planaichean airson Eilean Ì, bhiodh an t-àite air an robh iad ag amas air a bhith na chnap-starra.

"Nam biodh tu airson àite a lorg a bhiodh furtasta a ruigsinn, goireasach is mar sin air adhart, chan e Eilean Chanaigh a' chiad àite a thaghadh tu."

Dealbh de Shabhal Mòr OstaigTùs an deilbh, Sabhal Mòr Ostaig
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a' stèidheachadh ann an 1973

Aig a' cheann-thall, cha tàinig na h-iomairtean tràth seo gus foghlam Gàidhlig àrd-ìreach a stèidheachadh gu càil ach còmhradh agus cinn-naidheachd.

Aig àm nuair a bha an cànan gun fiù 's ach grèim-coise ann an sgoiltean na dùthcha, chan eil seo, is dòcha, na iongnadh.

Ach 50 bliadhna às dèidh do dh'Aonghas MacDhonnchaidh a bheachd a chur air adhart an toiseach, thàinig iomairt eile gu buil le soirbheachas mòr is a' chiad cholaiste Ghàidhlig ga stèidheachadh san Eilean Sgitheanach.

Agus 100 bliadhna às dèidh an deasbaid a bha a' dol thall is a-bhos, chaidh aontachadh tro Achd nan Cànanan Albannach am-bliadhna gum bu chòir inbhe Sabhal Mòr Ostaig àrdachadh is comas a thoirt dhan cholaiste ceuman a thoirt seachad cho luath 's a ghabhas.

Ged nach d' fhuair e a thoil fhèin le colaiste Eilean Ì, 's e leasachaidhean a th' annta seo air eilean àraich a bhiodh Aonghas, 's cinnteach, air a bhith moiteil às.

Tuilleadh air an sgeulachd seo