An Leòdhasach a bha le Scott is Shackleton

Cùirn deighe is ròpa mar shlighe iùil dha sgioba an Endurance anns an AntartaigTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Cùirn deighe is ròpa mar shlighe iùil dha sgioba an Endurance anns an Antartaig

  • Air fhoillseachadh

Tha iomairt a' dol gus aire a tharraing do sgeulachd balaich à Steòrnabhagh a bha cuide ri Scott agus Shackleton san Antartaig.

Tha Tòmas MacLeòid air a dhol air dhìochuimhn' an-diugh, ach sheòl e dhan Antartaig trì tursan, agus bha e a' sabaid e ann an Cogadh nam Boer, a bharrachd air a' Chogadh Mhòr.

Rugadh e an Glaschu ann an 1869, ach chaidh a thogail ann an Steòrnabhagh le a sheanair 's a sheanmhair. Chan eil fhios cò a b' athair dha.

Bha aire a-riamh air an fhairge, 's dh'fhalbh e gu muir cho luath 's a fhuair e cothrom.

Ann an 1910 gu dearbha, fhuair e cothrom air leth.

An Terra Nova aig Sir Robert Falcon Scott a' seòladh à Lunnainn ann an 1910Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

An Terra Nova aig Sir Robert Falcon Scott a' seòladh à Lunnainn ann an 1910

"Thurchair dha Tòmas a bhith air tìr ann an New Zealand, ann an Littleton," thuirt Alasdair Mac a' Ghobhainn, a th' air a bhith a' rannsachadh sgeul Thòmais MhicLeòid.

"Bha e fhèin 's fear à Nis air a dhol an lùib a chèile, agus bha iad suas is sìos an cidhe a' coimhead 'son soitheach, agus thurchair gun robh soitheach Scott, an Terra Nova, anns a' chala.

"Bha seòladair a dhìth orra, agus ghabh iad Tòmas.

"Bha e air a bhith na sheòladair na b' fhaide na bha am fear eile 's iongantach," thuirt e.

Bha Scott agus cuairt an Terra Nova a' dèanamh air an Antartaig, cuairt às nach do thill Scott fhèin, gu h-ainmeil, 's sgioba Nirribheach air a' chùis a dhèanamh air san rèis dhan Phòl a Deas.

Bha MacLeòid na sheòladair, 's cha robh e am measg a' chòigneir a fhuair bàs. Nuair a thill e fhèin agus an còrr den chriutha a Bhreatainn ge-tà, fhuair e am Polar Medal.

An Endurance san Antartaig Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh An Endurance fodha air a' chiad bhòidse aig Tòmas MacLeòid còmhla ri Ernest Shackleton dhan Antartaig

Ann an 1914 chaidh e còmhla ri Ernest Shackleton air ais dhan Antartaig, air an Endurance - soitheach a chaidh fodha air an turas an dèidh dhi a bhith air a glacadh ann an deigh na mara.

Thàinig air a' chriutha, MacLeòid nam measg, campachadh air an deigh, mus do dh'imrich iad gu Eilean an Oilbhein a bha faisg air làimh.

Chaidh cobhair a dhèanamh orra an dèidh dha Shackleton 's feadhainn eile iomradh gu South Georgia. Fhuair MacLeòid an dàrna Polar Medal.

Cha b' e sin e dhasan ge-tà. An dèidh dha sabaid sa Chogadh Mhòr, chaidh e, ann an 1921, air ais dhan Antartaig uair eile còmhla ri Shackelton, a bhàsaich air an turas.

Chaidh càrn a thogail an cuimhne Shackleton ann an South Georgia, agus tha beachd ann gur e MacLeòid a bh' air cùlaibh sin. Tha e ann fhathast.

Càrn Shackleton ann an South Georgia, MacLeòid na shuidhe sa mheadhan leis an fheusaigTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Càrn Shackleton ann an South Georgia, MacLeòid na shuidhe sa mheadhan leis an fheusaig

Rinn MacLeòid eilthireachd a Chanada ann an 1923, far an robh e ag obair an toiseach mar iasgair, 's an uair sin na dhorsair aig sgoil 's na fhear-faire air an oidhche.

Cha do phòs e riamh, 's bhàsaich e ann an 1960.

"Fhuair e beatha fhada a dh'aindeoin cho cruaidh 's a bha a bheatha ann an tòrr dhòighean," thuirt Alasair Mac a' Ghobhainn.

"Bha e ag ràdh ri daoine "o uill, 's e dòigh beatha mhath a bh' ann an seòladh, agus nam biodh mo bheatha agam a-rithist 's e an aon rud a dhèanainn"."

Leac MhicLeòid ann an Steòrnabhagh

Chan eil an Leòdhas ga chuimheachadh ach leac ghorm air an taigh san deach a thogail air Sràid an Rubha ann an Steòrnabhagh.

Ann an Lunnainn ge-tà, tha ainm air togalach fhlataichean a chaidh a thogail air fearann a thug teaghlach Shackleton seachad do Chomhairle Lewisham.

Ann an 2012, bha Catrìona Mhoireach na riochdaire air prògram mu bheatha Thòmais MhicLeòid, 's tha ise den bheachd gum bu chòir do mhuinntir Leòdhais a bhith moiteil às.

"Tha e cho iongantach a' smaoineachadh gun robh balach à Steòrnabhagh, balach dìolain a bh' ann - chan eil sinn cinnteach cò athair - gun do rinn e sin.

"Tha còir againn a bhith ga mheas mar Leòdhasach a rinn rudan iongantach, 's a chunnaic rudan iongantach nach fhaic mòran againn."