Neach-ealain ùr air mhuinntireas aig Tobar an Dualchais

Frances Drisoll, a tha air mhuinntearas aig Tobar an Dualchais agus ATLAS Arts
- Air fhoillseachadh
'S e an tè-ealain Ghàidhlig Frances Driscoll a chaidh a thaghadh mar Neach-ealain air Mhuinntireas na bliadhna-sa aig Tobar an Dualchais agus ATLAS Arts.
Seo an t-siathamh bliadhna a b' urrainn do luchd-ealain cur a-steach airson cothrom obair a chruthachadh a tha ceangailte ris na clàraidhean a tha rim faighinn air làraich-lìn Thobar an Dualchais.
'S ann à Glaschu a tha Frances far an robh i ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu mus do cheumnaich i le MA bho Cholaiste-ealain Dhùn Èideann.
Thuirt Frances: "'S e cothrom sònraichte a th' ann dhomh gus mo sgilean lèirsinneach a leasachadh fhad 's a tha mi a' doimhneachadh nan ceanglaichean agam ri cultar na Gàidhlig agus a' cleachdadh nan sgilean cànain agam."
Tha an obair sin stèidhichte air collage agus tha sin a' gabhail a-steach dhealbhan, sgrìobhadh, ìomhaighean-gluasadach agus dannsa am measg eile.
Bha i cuideachd air sgoilearachd John Kinross a bhuannachadh ann an 2022.

Cuid den obair ealain aig Frances Drisoll
Thuirt Stiùiriche Thobar an Dualchais, Flòraidh Forrest: "'S e toileachadh mòr a th' ann taic a chumail ri Frances ann an com-pàirteachas le ATLAS Arts.
"Ghabh Frances pàirt sa chùrsa ghoirid againn, 'Ceanglaichean Cruthachail', aig deireadh na Sultaine agus b' e deagh chothrom a bh' ann dhi barrachd ionnsachadh mu na clàraidhean prìseil air làrach-lìn TAD gus an urrainn dhi an obair chruthachail aice fhèin a leasachadh," thuirt i.
Chuir Heather Fulton bho ATLAS Arts fàilte air Frances cuideachd.
"'S e goireas prìseil a th' ann an Tobar an Dualchais agus tha na clàraidhean air-loidhne air leth cudromach ann a bhith a' gleidheadh agus a' cur ann an cèill cultar na Gàidhlig," thuirt i.
Bidh Frances ag obair pàirt-ùine tron mhuinntireas thairis air na mìosan a tha romhainn agus thèid an obair aice a sgaoileadh tro bhlogaichean rè na h-ùine sin.
Agus bidh cothrom aig daoine cumail suas ris na tha i air a bhith a' dèanamh air na duilleagan Facebook agus Instagram aig Tobar an Dualchais.