Nuair a bha am Mòd am "Baile Gàidhealach Ghrianaig"

Dealbh eachdraidheil de Chidhe an Taighe-Chìse an GrianaigTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

"Is Greenock Gaelic? Mod Chairman has no doubt."

B' e siud an ceann-naidheachd car àraid a bha san Daily Record bho chionn 100 bliadhna is am Mòd Nàiseanta a' dol a dh'Inbhir Chluaidh.

Bha uaislean a' bhaile air am brat-ùrlair dearg a roiligeadh a-mach dha na Gàidheil is iad ag ràdh gur e àite air leth freagarrach a bh' ann 'son mòd.

Bha Grianaig "a' fàs nas Ceiltiche a h-uile là" thuirt am Pròbhost Brown na òraid fàilteachaidh, is e a' cumail a-mach gun robh "ceanglaichean Ceilteach" aig an dàrna thrian de mhuinntir a' Chorporation.

Mar a bha an Record air innse, bha cathraiche a' Chomuinn Ghàidhealaich ag aontachadh.

A rèir Aonghais Robasdain às an Eilean Sgitheanach, cha robh ceist ann nach e Gàidhlig prìomh chànan a' bhaile. Is cha robh am beachd ud cho buileach annasach 's a tha e 's dòcha a' coimhead an-diugh.

Tron 18mh is 19mh linn is mòran a' cur cùl ris a' Ghàidhealtachd, 's e Grianaig an ceann-uidhe a bh' ann do gu leòr.

Bha siud nàdarrach gu leòr. Aig àm nuair a bha a' Ghàidhlig fhathast cho làidir ann an Earra-Ghàidheal bha Grianaig air stairseach fhèin na Galltachd.

Pròbhost Neil MacNeachdain BrownTùs an deilbh, The Watt Institution
Fo-thiotal an deilbh,

Pròbhost Neil MacNeachdain Brown, a chuir fàilte cho cridheil air Mòd 1925 a Ghrianaig

'S ann às a' bhaile a tha Frances Dunlop is ùidh mhòr aice ann an eachdraidh an àite.

"Bidh mise an-còmhnaidh a' togail air an Statistical Account aig deireadh an 18mh linn nuair a thuirt am ministear gum b' urrainn dhut coiseachd bho aon cheann den bhaile dhan cheann eile gun dad a chluinntinn ach Gàidhlig," tha Frances ag ràdh.

"Chanadh iad nach robh ainm eile cho pailt ri Caimbeul. Bha am baile làn Ghàidheal."

Bha fhathast 100 bliadhna às dèidh sin nuair bha Màiri Mhòr nan Òran am measg na bha a' fuireach ann.

'S e a chòrd rithe cuideachd, tha e coltach, is i a' moladh oidhirpean gus cànan nan Gàidheal a ghlèidheadh sa bhaile san dàn aice Deoch-slàinte Gàidheil Ghrianaig:

"Mo bheannachd aig a' Chòmhlan,

'S biodh a' Ghaidhlig mu na bhòrd agaibh,

Is ionnsaichibh dha 'n òigridh i,

Tha chòmhnuidh ann an Grianaig".

Feumaidh gun robh cuid co-dhiù air sin a dhèanamh oir bha Mòd 1925 soirbheachail dha-rìribh.

Bha àireamh nam farpaiseach nas motha na bha e a-riamh agus san fharsaingeachd bha iad aig àrd-ìre (siud a bharrachd air aon ghearan nach robh ìre nam fear ann am farpais a' Bhuinn Òir "very brilliant", ach chan urrainn dhut a h-uile duine a riarachadh).

Bha na h-uimhir de sgainneal ann goirid às dèidh làimh cuideachd nuair a thàinig e am bàrr gun robh fear de Ghàidheil Ghrianaig a bha gu mòr an lùib am Mòd a thoirt dhan bhaile bho thùs - fear Iain MacGilleFhaolain - air £200 a ghoid le foill bho urras a' chala.

Uill 's e gnothach eile a bha sin nach do chuir, a rèir choltais, sgleò air fìor dheagh sheachdain.

Frances Dunlop an Grianaig
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Frances Dunlop air rannsachadh a dhèanamh mu àite nan Gàidheal ann an Grianaig

Bha Mòd air leth ann, dh'aithris an Highland News, rud nach robh na iongnadh dhaibh oir nach e "coimhearsnachd Ghàidhlig gu ìre mhòir" is "geata chun na Gàidhealtachd" a bh' ann an Grianaig co-dhiù?

A' toirt ghnothaichean gu ceann thuirt Aonghas Robasdan nach robh cuimhne aige air fàilte cho blàth ro Mhòd a-riamh, is bha am facal mu dheireadh aig Bàrd ùr a' Chomuinn, Mgr Iain MacCormaig à Muile is Glaschu:

"'S a fhad 's bhios grian h-àrd 's an iarmaillt

Deallrach bòidheach.

Cuimhnichidh tu am Mòd a bha an Grianaig".

Ach a dh'aindeoin cho soirbheachail 's a bha Mòd 1925, 's e gu ìre cuimhneachan blàth a-mhàin a thàinig às.

Bha muinntir an àite air còisir Ghàidhlig a stèidheachadh às ùr 'son a' Mhòid is chuir iad romhpa leantainn orra is Sgiath MhicShimidh 's Thulaich Bhàrdainn a bhuannachadh iad fhèin - rud a rinn iad tric gu leòr air a' cheann thall.

Ged a tha Frances ag ràdh gun robh fhathast anns na 1960an còrr is 100 neach eadar dà chòisir san sgìre, rachadh iad à bith, mar a chaidh a' Ghàidhlig fhèin às an t-sealladh ann an Grianaig, agus ann am mòran de na sgìrean Gàidhealach faisg air làimh.

Bha aithris aig deireadh Mòd 1925 air innse cho luath 's gun do sguir an ceòl gun do dh'fhalbh cuid gu tuath thairis air Chluaidh is air ais dha na bailtean beaga Gàidhealach aca fhèin.

Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu ann an 1925Tùs an deilbh, Tìm an Òbain
Fo-thiotal an deilbh,

Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu le Sgiath MhicShimidh 's Thulaich Bhàrdainn ann an 1925: "The announcement of the result occasioned much enthusiasm".

'S i Donalda Robasdan - nighean cathraiche a' Chomuinn - a fhuair bonn òir nam ban an Grianaig is Stiùbhart MacAonghais à Inbhir Nis a' soirbheachadh am farpais nam fear

Mar a thèich a' Ghàidhlig às na bailtean sin is à sgìrean eile dhan deach duaisean dhachaigh à Grianaig ann an 1925 - àitichean mar Àird Driseig, Baile a' Chaolais, Eisdeal, Luinn, A' Mhorbhairne is Sròn an t-Sìthein - cha robh Grianaig tuilleadh air oir na Gàidhealtachd seach mar a bha uaireigin, is saoghal a' Mhòid fhèin a' gluasad gu tuath is gu siar.

'S ann air a' bhaile a bha an dà là air tighinn.

Ach tha cànan nan Gàidheal fhathast beò air Earball na Bruaich.

Tha cha mhòr 40 duine chloinne sa bhaile a' dol tro fhoghlam Gàidhlig ann am Bun-sgoil Whinhill is Acadamaidh Inbhir Chluaidh, is cuid eile a' siubhal a Ghlaschu air a shon.

Tha clasaichean ann do luchd-ionnsachaidh is seinn sa chànan ga ghlèidheadh le Sgioba Luaidh Inbhir Chluaidh, a thòisich Frances fhèin.

A bheil an t-àm ann, 100 bliadhna air adhart, meòrachadh air am Mòd Nàiseanta Rìoghail a thilleadh dhan bhaile?

"Bha cuid a' bruidhinn air bho chionn beagan bhliadhnaichean ach cha tàinig dad às aig an àm," tha Frances ag ràdh.

"Bhiodh ceist ann mu dheidhinn àitichean-fuirich - ach 's e a bhiodh math."

Frances Dunlop ann an Grianaig

Saoil ciamar a tha Comhairle Inbhir Chluaidh fhèin a' faireachdainn mu dheidhinnn ma-tha?

"Tha sinn daonnan a' sireadh dhòighean gus daoine a thàladh a dh'Inbhir Chluaidh gus na seallaidhean brèagha fhaicinn is gus ionnsachadh mu ar n-eachdraidh is dualchas," thuirt iad ri BBC Naidheachdan.

"Feumaidh sinn cuideachd ge-tà, a bhith mothachail air na dùbhlain mhòra ionmhais a tha air beulaibh a h-uile comhairle ionadail."

Uill cha tuirt iad co-dhiù nach robh dòchas ann.

Agus às dèidh tòiseachadh leis an Daily Record ann an 1925, 's dòcha gu bheil e cho math crìochnachadh leotha cuideachd.

"Is the Highland Mod, now being held in Greenock, not more expressive of the musical souls of the lonely glens and mountain fastnesses than the clamour of the city street or the factory's din?

"One thing, however, may be said: none of us is the worse, and all may be the better, for a love of music, whether or not our commercial aptitude has any connection therewith."

Cò againn, mòd ann no às, a rachadh às àicheadh sin?