Chan eil maoin iasgairean "cothromach" am beachd BP nan Eilean Siar

Tha a' mhaoin a' cumail taic ri coimhearsnachdan iasgaich air feadh Bhreatainn
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr Torcuil Crichton, ball nan Eilean Siar aig Westminster, air ministearan gun dèan iad ath-sgrùdadh air mar a tha taic-airgid do choimhearsnachdan iasgaich ga roinn a-mach.
Tha luach £360m ann am Maoin Fàis an Iasgaich is nan Cladaichean a chaidh fhoillseachadh le Roinn a' Bhìdh agus nan Cùisean Dùthchail (DEFRA) Diluain.
Tha Riaghaltas na h-Alba an urra ris an earrann a gheibh iadsan den mhaoin a tha ga toirt seachad a rèir àireamh an t-sluaigh.
Tha sin a' fàgail nach fhaigh Alba ach nas lugha na 8% dhith a dh'aindeoin agus gu bheil cha mhòr an dàrna leth de dh'iasg is maorach Bhreatainn a' tighinn àiste.
A' bruidhinn an Taigh nan Cumantan Diaordaoin, thuirt Mgr Crichton: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil ceist ann mu cho cothromach 's a tha an roinneachd, agus tha mi den bheachd gum bu chòir don mhinistear beachdachadh air.
"Tha mi an dòchas gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' mhaoin fhathast."
Torcuil Crichton, BP nan Eilean Siar, a' bruidhinn ann an Taigh nan Cumantan.
Tha riochdairean iasgaich agus Riaghaltas na h-Alba cuideachd air draghan a nochdadh mu mar a tha a' mhaoin ga lìbhrigeadh.
Sgrìobh Rùnaire nan Cùisean Dùthchail gu DEFRA a' gearan nach eil Alba a' faighinn a cuid chothromach den mhaoin.
Thuirt i: "Chuir sinn air adhart argamaidean soilleir, reusanta agus stèidhichte air fianais airson agus gum biodh roinn Alba den mhaoin a rèir meud roinn an iasgaich Albannaich, agus a bhith nas fhaisge air a' chuid 46% a bha Alba a' faighinn roimhe bhon airgead Eòrpach a tha an Rìoghachd Aonaichte a' faighinn."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 Am Faoilleach 2021
- Air fhoillseachadh19 An Cèitean