15% de thaighean ùra Sgitheanach o 2020 airson màl ghoirid

- Air fhoillseachadh
Sheall rannsachadh a rinn Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil 15% de na taighean a thogadh san Eilean Sgitheanach sna còig bliadhna mu dheireadh nan àitichean-fuirich airson ùine ghoirid.
Dh'fhoillsich an t-ùghdarras ionadail na figearan, taobh a-muigh mar phàirt den rannsachadh air a' phlana airson smachd fhaighinn air na tha de thaighean a tha gan leigeil a-mach air mhàl ghoirid.
Fhuair an rannsachadh cuideachd gu bheil a' mhòr-chuid de thaighean san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse gan reic ri daoine nach eil a' fuireach air a' Ghàidhealtachd.
Tha aon de chomhairlichean Eilean a' Cheò, Chrissie NicGIlleÌosa, ag ràdh gu bheil sin a' toirt "buaidh air an àireamh de thaighean air mhàl reusanta" agus "an àireamh de dhaoine a tha fhathast a' fuireach còmhla ri pàrantan".
- Air fhoillseachadh27 An t-Ògmhios
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2022
Air feadh na Gàidhealtachd, bha faisg air 5% de dhachaighean a chaidh a thogail bho 2020 rim faighinn airson ùine ghoirid - sin 275 taigh uile gu lèir.
Ann am uàrd an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair, chaidh 387 dachaighean a thogail agus a-nis tha 60 dhiubh gan cleachdadh mar àitichean-fuirich air mhàl ghoirid.
Chan eil na figearan seo a' toirt a-steach dàrna dachaighean no taighean falamh, agus chan eil bothain no podaichean turasachd nach biodh freagarrach mar àite-còmhnaidh làn-ùine nam measg.
Thug an aithisg cuideachd sùil air cò às a bha na daoine a bha a' ceannach thaighean air a' Ghàidhealtachd.
San Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse, chaidh 55% de dhachaighean a reic gu daoine a bha a' fuireach taobh a-muigh na sgìre.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An Dùbhlachd 2021
- Air fhoillseachadh4 An Cèitean 2021