Briseadh dùil mòr mu Aiseag Mhalaig

  • Air fhoillseachadh
Loch BaghsdailTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,

Ghabh 1,100 duine pàirt ann an sgrùdadh a chuir taic ri bhith a' stèidheachadh na seirbheis.

Thuirt riochdairean coimhearsnachd Uibhist a Deas gur dòcha gun tèid iad a-mach air an ceann fhèin ann an oidhirp gus seirbheis aiseig a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

Cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba nach tèid iarraidh air Cal Mac leithid de sheirbheis a stèidheachadh, 's iad ag ràdh gun cosgadh i cus, 's gu bheil diofar bheachdan ann mu cho feumail 's a bhiodh i.

Tha ministearan cuideachd air co-dhùnadh nach tèid faraidhean aiseig RET a thilleadh gu carabadan coimearsalta.

"'S e fìor bhriseadh dùil a tha seo, cho mòr 's a fhuair sinn anns na h-eileanan a tha seo o chionn iomadach bliadhna," thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil.

Riochdachadh

"Aig an aon àm agus a tha eileanan eadar Cluaidh agus gach eilean eile a tha iad a' frithealadh a' faighinn sheirbheisean a bharrachd nach do dh'iarr iad tha mise a' faighneachd a-nis dè an dòigh is urrainn do Roinn nan Aiseagan sin a chur air aghaidh a dh'aindeoin 's na fhuair iad de bheachdan a' tighinn às na h-eileanan a tha seo?

"Nach eil e annasach nach eil na h-adhbharan a tha iad a' toirt seachad ach a' bualadh air aiseag a dh'fheumas a dhol eadar Loch Baghasdail is Malaig?" thuirt e.

Thog Mgr MacIlleMhaoil teagamh ann an èifeachdas BhPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a tha na mhinistear anns a' Chaibineat.

"Tha Alasdair Allan, mun tàinig an naidheachd seo a-mach, air fios-naidheachd a chur a-mach a' toirt taic do dh'Ath-sgrùdadh nan Seirbheisean Aiseig.

"Feumaidh duine fhaighneachd, a bheil e a' riochdachadh nan daoine anns na h-eileanan a tha seo, no an ann air sàilleabh 's gu bheil e na mhinisear ann an Dùn Èideann?

"Bu chòir dha aig an ìre seo coimhead a bheil e gar riochdachadh, agus am bu chòir dha a bhith a' leantail air anns an dreuchd anns a bheil e.

"Feumaidh Alasdair Allan agus am Ministear tighinn agus coinneachadh ri muinntir an àite, feuch an toir iad beachd air na tha iadsan a' smaointinn, agus dè an dòigh anns nach gabh seo dèanamh.

Iarrtas Mòr

"Chan fhaca sinne fhathast aon sian a chanadh gu bheil fhios aca," thuirt e.

Tha Mgr MacIlleMhaoil den bheachd gu bheil an t-àm ann beachdachadh air dòigh eile a chleachdadh airson an t-seirbheis aiseig a stèidheachadh, neo-eisimeileach bhon Riaghaltas.

"Bha Stòras Uibhist a' coimhead air seo roimhe, agus ma dh'fhaoidte gur e seo an t-àm airson seo a thoirt am bàrr a-rithist," thuirt e.

Dh'aidich Mgr Allan gu bheil iarrtas mòr ann an Uibhist airson na seirbheis, ach chan eil e den bheachd gum bu chòir dha a dhreuchd fhàgail.

"Beachdan làidir, ach cuideachd poileataigs làidir, 's tha fhios dè seòrsa poileataigs a th' aig Mgr MacIlleMhaoil," thuirt e.

"'S e an rud as cudromaiche a th' ann, gun robh mise mar BhPA na sgìre, agus tòrr dhaoine eile ag argamaid airson seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh an aithisg gu math onorach mu dheidhinn, gur ann air sgàth 's nach eil airgead ann airson bàta eile agus airson seirbheis eile a ruith.

"'S e briseadh dùil a th' ann an sin airson tòrr dhaoine ann an Uibhist, agus tha mise ag aideachadh sin.

"Tha mi air a bhith ann an Uibhist a' bruidhinn ri daoine tòrr trupan, agus tha mi toillichte tilleadh ann, agus nì mi sin gun teagamh sam bith," thuirt e.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh