Tinneas an t-Siùcair - a' cur às do na beachdan brèige mu dheidhinn

Tha tinneas an t-siùcair a' ciallachadh nach eil am brisgean-milis a' cruthachadh insulin idir no gu leòr dheth
- Air fhoillseachadh
Tha iomairt a' dol fad na Samhna airson aire dhaoine a tharraing gu tinneas an t-siùcair, airson fiosrachadh ceart a sgaoileadh agus cur às do na h-uirsgeulan a th' ann mu dheidhinn.
Thàinig adhartas mòr air an teicneòlas a dh'fheumas feadhainn eile air a bheil an tinneas, ach am beachd mòran 's e a tha a dhìth fhathast gum bi tuigse nas fheàrr aig a' phoball mu dheidhinn agus mun bhuaidh a th' aige orra.
Shaoil mise gum b' fhiach bruidhinn air agus mi fhèin air a bhith a' dèiligeadh ri tinneas an t-siùcair bho bha mi 6 bliadhna de dh'aois - 's cha b' ann an-dè a bha siud!
Coltach riumsa, tha Type 1 air Cairistiona NicLeòid. Tha e ga sàrachadh nuair a bhios daoine a' cur a' choire oirre fhèin.
"Feumaidh gu bheil thusa truagh. Feumaidh nach robh thu a' coimhead às do dhèidh fhèin ro mhath agus gun tàinig seo ort."
Tha i ag ràdh cuideachd nach eil mothachadh aig daoine air dè tha "thu a' dèiligeadh ris gach là".

Bha Cairistiona 11 bhliadhna a dh'aois nuair a thàinig an tinneas oirre
Ma tha thu le tinneas an t-siùcair tha e a' ciallachadh gu bheil do bhrisgean-milis a' strì.
'S e Type 1 agus Type 2 as cumanta a th' ann ged a tha seòrsachan eile ann leithid gestational diabetes a thig air boireannaich leatromach ach a bhios mar as trice a' falbh an dèidh an leanabh thighinn dhan t-saoghal.
Tha thu le Type 1 mura h-urrainn dhan bhrisgean-mhilis agad insulin a chruthachadh tuilleadh agus feumaidh tu insulin a chur annad le snàthad no le pumpa.
Chan eil fhios aig na h-eòlaichean meadaigeach carson a bhios seo a' tachairt.

Chan eil cuimhn' aig Seumas air càil eile agus e dìreach 4 nuair a thàinig an tinneas air
Bha Seumas Mac a' Ghobhainn 4 bliadhna a dh'aois nuair a chaidh innse dha gun robh Type 1 de thinneas an t-siùcair air.
Thuirt e: "Nuair a bha mi na b' òige, 's e an rud a bha a' dèanamh mo dhonas a h-uile duine a' faighinn suiteis agus ag ràdh 'chan urrainn dhut suiteas ithe idir seach gu bheil diabetes ort' ach chan e sin mar a tha idir!"
Tha e ag ràdh nach eil e a' cur "cus àmhghair air" leis nach eil cuimhne aige air càil eile.
"Tha sinn dìreach mar a tha a h-uile duine eile ach gum feum sinn dèiligeadh ris gu bràth tuilleadh. Sin dìreach mar a tha e."
"Cha thuig duine mar a tha e a' toirt buaidh air do bheatha"
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Thàinig àrdachadh air na tha de dhaoine leis an tinneas, gu h-àraid Type 2, sna 30 bliadhna a dh'fhalbh.
Tha cuid den bheachd gu bheil seo ri linn dòigh-beatha dhaoine.
Ma 's e Type 2 a th' ort bidh do bhrisgean-milis fhathast a' cruthachadh insulin, ach chan eil gu leòr dheth no chan eil an insulin ag obair ceart.
'S iad as motha a tha ag adhbharachadh seo reamhrachd, cus geir a bhith timcheall air do bhrisgean-mhilis no do ghrùthan, bruthadh-fala àrd, aois, cinnidheachd agus eachdraidh teaghlaich den tinneas.
'S urrainn don mhòr-chuid le Type 2 dèiligeadh ris le bhith faiceallach mu na bhios iad ag ithe, eacarsaich, call cuideim agus uaireannan le drugaichean no fiù s insulin.

Moileciuil de dh' insulin a tha am brisgean-milis a' cruthachadh
Dh'innis Buidheann Slàinte na Cruinne, taobh a-muigh gun robh 200,000,000 neach le tinneas an t-siùcair ann an 1990, ach gun do dh'èirich sin gu 830,000,000 ann an 2022.
A rèir fhigearan san Scottish Diabetes Survey 2023, taobh a-muigh, bha 353,088 neach ann an Alba le tinneas an t-siùcair ann an dòigh air choireigin.
Bha Type 1 air 36,249, agus Type 2 air 310,541.
A rèir NHS Eileanan Siar, taobh a-muigh, tha 1,878 neach le tinneas an t-siùcair san sgìre - 240 le Type 1, 1,631 le Type 2 agus seachdnar le seòrsa eile (gestational agus steroid-induced, mar eisimpleir).

Tha innealan clàraidh an là an-diugh ag obair còmhla ris a' phumpa insulin a th' aig mòran le Type 1 nam bodhaig
Thar nam bliadhnaichean, tha adhartas mòr air a bhith san teicneòlas airson dèiligeadh ris an tinneas, gu h-àraid Type 1.
Nuair a fhuair mise dhachaigh bhon ospadal sa chiad dol a-mach, bha pròiseas toinnte a thug 4 mionaidean airson an ìre de shiùcar a bha nam fhuil a chlàradh.
A-nise, tha inneal agam a dh'innseas sin dhomh, gu mionaideach, ann an còig diogan.
Tha Cairistiona NicLeòid cuideachd a' moladh an adhartais a th' air a bhith ann le teicneòlas.
"Na sensors a-nis, tha sin air eadar-dhealachadh mòr a dhèanamh," mhìnich i.
"Tha thu a' faicinn dè tha a' tachairt nad chorp agus nuair a tha mi às aonais an sensor agam, tha mi a' faireachdainn mar gu bheil mi dall no ann an rùm gun solais, a' feuchainn ri tomhas a-rithist, agus tha sin air diofar mhòr a dhèanamh dhomhsa."

Cuid dhen teicneòlas a ghabhas cleachdadh gus tinneas an t-siùcair a làimhseachadh
Bha mise 13 bliadhna le tinneas an t-siùcair nuair a bha mi fortanach pumpa insulin fhaighinn agus an teicneòlas gu math ùr.
Ron sin, bha agam ri insulin a chur nam bhodhaig co-dhiù sia tursan san là le snàthad.
Leis a' phumpa, tha e ceangailte riut fad na h-ùine le tiùb beag, tana a tha a' biathadh insulin a-steach fad na h-ùine, aig ìre gu math ìosal.
Cleas mòran dhaoine eile le Type 1, tha cuideachd inneal sònraichte agam nam ghàirdean a tha a' tomhas gach còig mionaidean dè an ìre siùcair a tha nam fhuil gun agam ri càil sònraichte a dhèanamh.
Tha an t-inneal seo agus am pumpa insulin ag obair còmhhla airson obrachadh a-mach dè an uiread de dh'insulin a tha a dhìth airson na h-ìrean siùcair agam a lùghdachadh.
Chan eil "an aon seòrsa uallaich orm"
Tha 50 duine sna h-Eileanan an Iar aig a bheil pumpa insulin, agus tha continous glucose monitor aig 412.
Tha mar a dh'atharraich teicneòlas bho bha Seumas Mac a' Ghobhainn beag a' fàgail "nach eil an aon seòrsa uallaich orm 's a bha", tha e ag ràdh.
"Thòisich mise air na peanaichean sa chiad dol a-mach. Nis, tha pumpa agam agus tha continuous glucose monitoring agam cuideachd 's mar sin, tha e tòrr, tòrr nas fhasa dìreach a bhith a' dèiligeadh ris.
"Tha e tòrr nas fhasa smachd a chumail air cùisean ged a tha mi fhathast a' cumail sùil mhìonaideach air," thuirt Seumas.
Tinneas an t-siùcair 's teicneòlas
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Tha ceithir prìomh chomharran a dh'fhaodadh a bhith a' ciallachadh gu bheil tinneas an t-siùcair ort - pathadh mòr, a bhith a' dol dhan taigh-bheag tric, sgìths agus a bhith a' call cuideim.
Bidh daoine cuideachd uaireanan a' mothachadh gu bheil an cuid fradhairc air atharrachadh, gu bheil gearraidhean a' toirt nas fhaide slànachadh 's gu bheil iad nas acraiche.
Chan eil a dhìth ach deuchainn-fala gus fios fhaighinn le cinnt - rud nach toir ach diogan na làithean seo.
Tha fhathast tòrr obrach an lùib a' chùraim làitheil a dh'fheumas daoine le tinneas an t-siùcair ged nach eil teagamh nach eil teicneòlas adhartach air cùisean a dhèanamh nas fheàrr dhaibh.
Thathar an dòchas leis an iomairt, taobh a-muigh , a bhios a' dol a h-uile bliadhna san t-Samhain, gum bi cuideachd tuigse nas fheàrr ann mun tinneas agus mun bhuaidh orrasan a tha beò leis.