Àird nam Murchan "air a trèigsinn" an dèidh Stoirm Amy

Anna NicDhòmhnaill
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Anna NicDhòmhnaill den bheachd gum bu chòir don chompanaidh dealain barrachd a dhèanamh gus daoine a chuideachadh

  • Air fhoillseachadh

Tha dragh air cuid de mhuinntir Àird nam Murchan gum faodadh an sgìre a bhith air fhàgail às aonais an dealain a-rithist ma thig stoirm eile air a' gheamhradh.

Bha cuid aca gun dealan fad sia làithean an dèidh do Stoirm Amy bualadh toiseach na Dàmhair, agus Àird nam Murchan am measg nan sgìrean as miosa air an tug an stoirm buaidh.

Thuirt cathraiche comhairle coimhearsnachd na sgìre, Rosie Curtis, gun deach muinntir an àite "a thrèigsinn" leis a' chompanaidh dealain SSEN.

Thuirt labhraiche às leth na companaidh, a bhios a' ruith lìonra an dealain an ceann a tuath na h-Alba, gu bheil iad ag obair còmhla ris a' choimhearsnachd airson piseach a thoirt air seasmhachd na seirbheis.

A thuilleadh air an obair aca gus an lìonra a chàradh, thug a' chompanaidh seachad taic leithid biadh is deoch a-mach à bhanaichean do dhaoine fhad 's a bha iad às aonais an dealain.

"B' e sinne a' chiad chompanaidh air an lìonra a thug seachad biadh is deoch do luchd-cleachdaidh ri linn stoirme," thuirt Manaidsear Luchd-cleachdaidh SSEN, Nik Wheeler.

"A thuilleadh air na sgiobannan càraidh againn a bhith a-muigh, bheir sinn an luchd-obrach eile a th' againn ann an oifisean a-mach 's bidh iadsan a' dol mun cuairt a' cur fios air luchd-cleachdaidh faic dè an taic a tha a dhìth orra," thuirt e.

Nik Wheeler
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt SSEN gun robh iad ag obair còmhla ris a' choimhearsnachd airson piseach a thoirt air seasmhachd na seirbheis

Ach dhaibhsan aig ceann an iar Àird nam Murchan, bha am bhana a b' fhaisge orra ann an Àth Tharracail - 20 mìle air falbh air rathad singilte.

Thuirt Rosie Curtis gun robh cion conaltraidh ann bho SSEN a thaobh cuin a dheadh an dealan a thilleadh.

"Bha sinn a' faireachdainn air ar trèigsinn. Tha fhios agam gun robh na mìltean dachannan gun dealan," thuirt i.

"Ach cha robh a dhìth oirnn ach cuideigin ceann eile a' fòna a theireadh 'ok Àird nam Murchan, tha fhios againn gu bheil sibh an sin, 's gheibh sinn thugaibh cho luath 's as urrainn'.

"Ach 's e ùine fhada a th' ann na sia làithean a bhith gun na goireasan againn.

"Tha fhios agam nach gabh innse ro làimh dè an aimsir a bhios ann, agus feumaidh sinn tighinn beò le sin, ach saoilidh mi bhon t-sealladh acasan dheth, nach eil sinn ag iarraidh ach conaltradh nas fheàrr."

Rosie Curtis
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Àird nam Murchan an Iar, Rosie Curtis, gun deach muinntir an àite a thrèigsinn

Thuirt Anna NicDhòmhnaill, a tha na creadhadair ann an Cille Chomhghain, gun tug an stoirm buaidh mhòr air a' ghnothachas aice.

"Cha b' urrainn dhomh an t-ath a chur air, cha b' urrainn dhomh dad a dhèanamh air a' chuibhle, 's an dà chuid air an ruith le dealan," thuirt i.

"Siud a' chuid as motha den obair agam mar chreadhadair, 's thug e buaidh mhòr orm.

"Ma thachras e a-rithist is a-rithist, bheir e buaidh nas motha buileach.

"Bu mhath leam barrachd a bhith air a dhèanamh air sgàth 's gu bheil sinn caran iomallach," thuirt i.

"Bhiodh e math a bhith a' faicinn barrachd cuideachaidh ann airson daoine aig nach robh dealan sam bith, 'son ghnothachasan gun dealan.

"Tha tòrr dhaoine ann an seo agus tha na taighean aca 's e dealan a-mhàin a th' aca 's cha robh comas aca còcaireachd, cha robh comas aca teas a bhith anns an taigh aca 's chan eil sin math idir."

Àird nam Murchan
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Àird nam Murchan gun dealan fad sia làithean an dèidh Stoirm Amy

Thuirt Nik Wheeler bho SSEN gun deach leasanan ionnsachadh bhon stoirm.

"Bidh sinn a' dol tro phròiseas chunbhalach an dèidh stoirme faic dè ghabhadh dèanamh na b' fheàrr," thuirt e.

"Siud rudeigin a thug sinn air falbh bho Stoirm Amy, a bhith ag ràdh, 'dè 's urrainn dhuinn a dhèanamh, càite an cuir sinn fios air coimhearsnachdan mus tachair a leithid?'

"'S e an dùbhlan a th' ann an sin gur dòcha nach tachradh stoirm mhòr eile airson grunn bhliadhnaichean, agus 's e a bhith a' cumail seo air aire feuch dè an t-àite as fheàrr airson na seirbheisean seo a thoirt seachad."