Bu chòir dà aiseag a bhith air slighe Steòrnabhaigh a rèir BP nan Eilean Siar

MV Loch Seaforth
  • Air fhoillseachadh

Dh'iarr Torcuil Crichton BP air Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus Riaghaltas na h-Alba gun cuir iad dà bhàta-àiseig air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ullapul.

Tha ball Làbarach nan Eilean Siar aig Westminster ag ràdh gur e "dà shoitheach seach aon tè mhòr a b' fheàrr le muinntir Leòdhais" nuair a bhathar ag ùrachadh cùmhnant nan aiseagan.

Thuirt Mgr Crichton: "Cha deach gabhail ris a' mholadh sin leis a' chompanaidh agus ministearan. Na àite, fhuair sinn an Loch Seaforth, agus a-nis tha suidheachadh ann far nach tèid na h-àite ach seann bhàta an Isle of Lewis."

Tha Mgr Crichton ag ràdh gu bheil eileanaich a' call foighidinn an dèidh mar a dh'fhàg trioblaidean teicnigeach nach b' urrainn aig amannan ach luchd-coise a-mhàin siubhal leis an Isle of Lewis air an t-slighe as trainge aig CalMac sa chola-deug mu dheireadh.

Thuirt e: "Tha luchd-siubhail agus luchd-gnothachais air fios a chur thugam ag innse dhomh cho feargach agus sàraichte 's a tha iad gun deach seirbheisean a chur dheth."

Tha Mgr Crichton ag ràdh gur e seo "mar a dh'fhuiling luchd-bhòtaidh an Uibhist is Barraigh airson còrr is dà bhliadhna".

Tha ro-innleachd a dhìth, tha e ag ràdh, airson slighe Steòrnabhaigh gus am bi an t-seirbheis nas seasmhaiche ma thèid càil ceàrr.

Tha e ag ràdh gu bheil an troimhe-chèile san t-seirbheis o chionn ghoirid air dàil a chur air pròiseactan, cosgaisean a chur suas agus buaidh mhòr a thoirt air beatha phearsanta dhaoine.

Tha Làbaraich na h-Alba a' moladh crathadh a thoirt air riaghladh na companaidh-aiseig a tha leis an stàit gus an gabh CalMac, a tha a' ruith nan seirbheisean aiseig, a chur còmhla ri CMAL ris a bheil na soithichean an urra.

Tha Mgr Crichton agus tagraich Làbarach nan Eilean Siar airson Holyrood, Dòmhnall MacFhionghain, cuideach ag iarraidh gum bi e riatanach gum bi riochdairean eileanach air bòrd ChalMac gus am faigh guth muinntir nan eilean cluinntinn aig àrd-ìre.

Thuirt neach-labhairt bho Chòmhdhail Alba gun robh Plana Ceangail nan Eilean a' gealltainn àireamh nan aisigean mòra àrdachadh bho 10 gu 12.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad air a bhith a' cosg airgid a bharrachd gus seasmhachd an lìonra a dhìon, agus iad an dùil sia soithichean mòra ùra a thoirt a-steach.

Agus thuirt neach-labhairt bho ChalMac gu bheil e cudromach aithneachadh gun robh an MV Arrow a' giùlain bathair fad an t-siubhail fhad 's a bha trioblaidean ann leis an Isle of Lewis.

Thuirt iad cuideachd gun robh iad duilich airson nan trioblaidean a tha air a bhith ann, agus gu bheil an Loch Seaforth a-nis air tilleadh gu seirbheis.