Dùil ri co-dhùnadh deireannach air Hub Leòdhais

- Air fhoillseachadh
Thèid an co-dhùnadh deireannach a dhèanamh an-diugh aig coinneimh de làn-chomhairle Comhairle nan Eilean Siar airson dà stèisean dealain an Leòdhas.
Thug buill bòrd dealbhachaidh na Comhairle cead seachad ann am prionnsabal an t-seachdain a chaidh airson an dà làraich air mòintich Àranais air iomall Steòrnabhaigh.
Tha seo co-cheangailte ri càball-dealain ùr a tha a' chompanaidh SSEN a' cur fon mhuir eadar Leòdhas agus tìr-mòr, airson dealain a thig à tuathan-gaoithe ùra a thoirt gu margaidh.
Cead am prionnsabal do Hub Leòdhais
- Air fhoillseachadh11 An t-Samhain
Dùil gun tèid taic a thoirt don ath ìre de Hub Leòdhais aig SSEN
- Air fhoillseachadh11 An t-Samhain
Deasbad a' leantainn mu Hub Leòdhais
- Air fhoillseachadh11 An t-Samhain
Bidh am fo-stèisean agus stèisean HDVC agus na togalaichean agus goireasan eile an cois Hub Leòdhais air làraich 285 heactair air gach taobh den A859 air iomall Steòrnbhaigh.
Bidh seo cha mhòr cho mòr ri 400 pàirc ball-coise.
Tha e deatamach gum bi iad seo ann gus pròiseact càball-dealain ùr a chur fon mhuir agus a cheangal ri tìr-mòr, le comas 1.8GW de chumhachd ath-nuadhachail a ghluasad.
Tha gu leòr an aghaidh a' phròiseict ge-tà, is tha dùil gun nochd feadhainn taobh a-muigh na Comhairle gus fianais a thogail an aghaidh nam planaichean.