Alba a' dol gu Cupa na Cruinne

- Air fhoillseachadh
Tha fireannaich na h-Alba a' tilleadh gu Cupa na Cruinne às dèidh oidhche iongantaich aig Hampden.
Rinn na h-Albannaich a' chùis air an Danmhairg 4-2 gus a' bhuidheann a bhuannachadh is àite a ghlèidheadh aig an fharpais as motha san spòrs 'son a' chiad turas bho 1998.
Ged a chaidh Alba air thoiseach tràth le tadhal sònraichte bho Scott McTominay, 's e glè bheag den bhall a bh' aca às dèidh sin is na Danaich gam putadh air ais is air ais.
Thàinig tadhal airson na Danmhairg mu dheireadh thall às dèidh 57 mionaidean, Højlund bhon spot is breab-peanais connspaideach air a thoirt seachad.
Bha dòchas às ùr cha mhòr sa bhad is càirt dhearg chonnspaideach 'son Kristensen.
Ged a chaidh Alba air ais air thoiseach tro Shankland, fhreagair an Danmhairg gu sgiobalta is a h-uile coltas ann gur e briseadh-cridhe eile a bhiodh ann.
Ach trì mionaidean a-steach gu ùine a chaidh a chur ris a' gheama lùib Kieran Tierney am ball a-steach bho astar gus Alba a chur air thoiseach 3-2.
Cha robh e seachad aige sin.
Le diogan air fhàgail chuir Kenny MacIlleathain am ball dhan lìon bhon leth aige fhèin.
"We were pretty rubbish" dh'aidich John McGinn às dèidh làimh - is cha robh e fada ceàrr - ach coma leinn is Alba air ais air an àrd-urlar as motha a th' ann.