Buaireadh 'Rìoghail' an Ceap Breatainn
- Air fhoillseachadh
Tha an ceòl air feadh na fidhle ann an Ceap Breatainn is cuid sa choimhearsnachd Ghàidhealaich mì-thoilichte mu ainm ùr Colaisde na Gàidhlig an sin.
Bha a' Cholaisde air leth moiteil nuair a dh'innis iad aig toiseach na mìos gun robh tìotal ùr aca.
Gus 75 bliadhna den Cholaisde a chomharrachadh, tha a' Bhan-rìgh air inbhe shònraichte a bhuileachadh orra.
Bho seo a-mach, 's e Colaisde Rìoghail na Gàidhlig a bhios air an àite.
Thàinig e am follais gu sgiobalta ge-tà, nach robh a h-uile duine air an dòigh idir.
Làidir
Tha daoine air sgrìobhadh dhan Cholaisde is dha na pàipearan-naidheachd is air-loidhne - is thàinig faclan làidir bho fhear de bhuill Cheap Breatainn sa Phàrlamaid ann an Halafacs.
Thuirt Ailean Mac a' Mhaighstir gun robh pàirt eachdraidheil aig cuid san teaghlach rìoghail ri mùchadh chultar nan Gàidheal. Do chuid, thuirt e, 's e maslachadh a tha san ainm ùr.
Chan eil a h-uile duine ag aontachadh, is cuid air fios a chur air na pàipearan nach eil e ciallach fàs fiadhaich mu ghnothaichean a thachair bho chionn fhada an t-saoghail.
Tha beachd làidir ann ge-tà, nach eil Colaisde na Gàidhlig air an gnothach a làimsicheadh mar a bu chòir.
"Bidh mi a' teagasg ann an-dràsta is a-rithist is bidh mi a' dol ann airson ionnsachadh agus cha chuala mi rud sam bith mun ainm seo dìreach bho chionn beagan sheachdainnean, nuair a dh'innis iad dhuinn gun robh an t-ainm air atharrachadh," thuirt Carmen NicArtair, a tha a' fuireach ann an Ceap Breatainn.
"An dòigh 's a tha mòran dhaoine a' faireachainn, 's e gum bu chòir dhaibh bruidhinn ri daoine an toiseach nan robh iad airson an t-atharrachadh seo a dhèanadh.
"Tha sinn car a' faireachdainn gun do rinn aon duine seo, gun a bhith ag èisteachd ri feadhainn eile sa choimhearsnachd," thuirt i.
Connspaid
Tha cathraiche na Colaisde, Ailig Moireasdan, a-nise air a dhreuchd fhàgail ri linn na connspaid.
Thathas a' tuigsinn gur e a thòisich am pròiseas gus tiotal rìoghail fhaighinn dhan Cholaisde.
Thuirt e nach robh e fhèin airson a bhith aig teis-meadhain an deasbaid, nuair a bha còir aig daoine a bhith bruidhinn mun urram a thàinig bhon bhan-rìgh.
Fuirichidh e air a' bhòrd-stiùridh ge-tà, is tha a' Cholaisde ag ràdh nach tèid iad air ais dhan t-seann ainm.
Tha e coltach ge-tà, nach eil an gnothach seachad aig a sin.
"Chan eil mi an aghaidh duine sam bith is chan eil mi an aghaidh an teaghlaich rìoghail, ach chan eil an t-ainm seo freagarrach," thuirt Carmen NicArtair.
"Chan eil e freagarrach dhan rud a tha iad a' feuchainn ri dhèanadh an seo ann an Ceap Breatainn, is chan eil e freagarrach nach do bhruidhinn iad ri duine mun do rinn iad seo.
"Bu chòir dhaibh an t-ainm a thoirt air ais, nam bharail-sa," thuirt i.