Èirich 's cuir umad: gùn Seumasach ga reic aig rùp an Dùn Èideann

- Air fhoillseachadh
Thèid gùn a chaidh a chaitheamh le bana-uasal Sheumasach aig Lùchairt Thaigh an Ròid a reic aig rùp ann an Dùn Èideann nas fhaide den mhìos.
Tha an dreasa am measg còrr air 80 earrainn a bha le Iarlan Airlie a tha gan reic aig rùp dà là Scotland Collected.
Tha dùil gum faigh an dreasa eadar £8,000 agus £12,000.
Chaidh a caitheamh leis a' Bhan-tighearna Mairead NicGilleBhuidhe, bean Dhàibhidh MhicGhilleBhuidhe, 6mh Iarla Airlie, nuair a chaidh iad gu bàl a chùm Teàrlach Òg Stiùbhart san lùchairt ann an 1745.
Bha a gùn air a bhith air iasad aig Cruinneachadh Rìoghail Lùchairt Thaigh an Ròid bho chionn 100 bliadhna, 's chaidh a taisbeanadh o chionn ghoirid.
Chaidh am bàl a chumail air an 21mh là den t-Sultain 1745, an dèidh do na Seumasaich a' chùis a dhèanamh - ann an ceithir mionaidean - air feachdan an Riaghaltais aig Sliabh a' Chlamhain ann an Lodainn.

Tha ball-canain a chaidh a lorg aig Cùil Lodair cuideachd am measg na thèid a reic aig an rùp
Bha an t-Iarla agus a' Bhan-Iarla tràth nam ficheadan aig an àm, agus iad nan aoighean aig a' Phrionnsa san lùchairt.
Rinn Sir Walter Scott iomradh air a' bhàl san nobhail aige Waverley, agus ged a bhathas an dùil gur ann às a mhac-mheanmhainn fhèin a thàinig e, thàinig e am bàrr ann an litir a chaidh a lorg o chionn ghoirid gun do thachair e dha-rìribh.
Chaidh an litir a sgrìobhadh le Diùc Pheairt air an t-30mh là den t-Sultain 1745 chun a' Mhorair MacGilleBhuidhe.
Chaidh a' Bhan-tighearna NicGilleBhuidhe còmhla ris na feachdan Seumasach gu blàr Chùil Lodair sa Ghiblean 1746. Chaidh a toirt an grèim an dèidh a' bhlàir, còmhla ri grunn bhoireannach eile, le Diùc Chumberland, 's a chumail sa phrìosan ann an Caisteal Dhùn Èideann, far an deach binn bàis a chur oirre.
Ach chaidh aice air teicheadh san t-Samhain 1746 le bhith a' malairt aodaich le ban-nighe.
Goirid an dèidh sin, air a h-èideadh mar dhuine-uasal òg, shiubhail i a Lunnainn, far an robh saighdearan an dùil gur e Teàrlach Òg Stiùbhart a bh' innte.
Cha robh iad fada den bheachd sin ge-tà, agus companach dhi gam mealladh a chreidsinn gur e ban-uasal a bh' innte, a bha an èideadh coimheach ri linn fiachan cur-gheall.
Chaidh a' Bhan-tighearna NicGilleBhuidhe a shaoradh an dèidh do bhoireannach sgrùdadh a dhèanamh oirre, agus dh'fhalbh i dhan Fhraing far an robh an duine aice cheana.

Tha dùil gum faigh am bocsa snaoisein eadar £4,000 is £6,000
A thuilleadh air a' ghùn, thèid bocsa snaoisein sa bheil dealbh beag bìodach de Theàrlach Òg, a thathas an dùil a gheibh eadar £4,000 agus £6,000.
Cuideachd am measg na thèid a reic aig an rùp, tha ball-canain a chaidh fhaighinn air àr-fhaich Chùil Lodair, 's mun deach bann airgid a chur leis an sgrìobhadh "Ogilvy Culloden 16 April 1746" air a shnaidheadh ann. Tha dùil gum faigh sin eadar £3,000 is £5,000.
"'S e ceangal tearc, beanailteach a th' anns a' ghùn ri Bliadhna Theàrlaich," thuirt ceannard an rùp, John Mackie.
"Ged a chiadh mòran stuth Seumasach a dhèanamh na chùis romansachd, no a chall buileach, tha am pìos seo a' seasamh a-mach ri linn cò bu leis e agus an staid sa bheil e.
"Tha leithid de rud a' soillseachadh an ama a bha sin chan e a-mhàin gu poileataigeach, ach gu pearsanta. Tha sgeulachd na Ban-tighearna NicGilleBhuidhe a' sealltainn cho iom-fhillte 's a bha na dh'fhiosraich daoine tro Bhliadhna Theàrlaich."