Seirbheis ùr sna h-Eileanan Iar dhaibhsan air a bheil aillse

Buidheann de dhaoine nan seasamh taobh a-muigh oifisean WICCI ann an Steòrnabhagh agus gàire air gach aodann
Fo-thiotal an deilbh,

Tha seirbheis ùr na buidhne a' toirt iomadh seòrsa taice do dhaoine air a bheil aillse agus an càirdean

  • Air fhoillseachadh

Bha là fiosrachaidh aig Buidheann Iomairt Aillse nan Eilean Siar (WICCI) Dimàirt agus iad a' sgaoileadh fiosrachaidh mun iomairt ùir aca - Slighe Aillse a Thoirt am Feabhas - Improving the Cancer Journey.

Chaidh WICCI a stèidheachadh ann an 2018 agus 's e aon de na prìomh amasan a bh' aca gum biodh seirbheis taice ri fhaighinn air feadh nan Eilean an Iar agus tha iad air sin a thoirt gu buil.

Tha taic ri fhaighinn do dhaoine a tha a' fulang le aillse ge bith dè an ìre agus an cuid teaghlaichean.

'S e co-obrachadh a th' anns an iomairt ùir seo eadar Buidheann Iomairt Aillse nan Eilean Siar, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar agus buidheann-cùraim aillse Mhic a' Mhaoilein.

Riochdairean bho WICCI, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar agus buidheann Mhic a' Mhaoilein nan seasamh còmhla aig bòrd agus Iain MacAmhlaigh a' geàrradh pìos à cèic.
Fo-thiotal an deilbh,

'S e com-pàirteachas a tha seo eadar WICCI, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar agus buidheann Mhic a' Mhaoilein

Mar phàirt den t-seirbheis seo, tha iad a' tabhann taic aig iomadach diofar ìre air daoine - bho bhith gan cuideachadh le feumalachdan pragtaigeach a thaobh ionmhais, gu seirbhisean-taice leithid cuideachadh le gruag do dhaoine a chaill am falt.

Tha cuideachd cothroman ann bruidhinn ri daoine mun bhuaidh a th' aig aillse air slàinte-inntinn dhaoine.

Tha grunn dhaoine ag obair còmhla riutha agus clasaichean seinne aca, cothroman massage fhaighinn agus iomadach seirbheis taice eile.

Bidh iad a' cumail choinneamhan do dhaoine a tha beò le stoma gus cothrom a thoirt dhaibh tighinn còmhla gus bruidhinn air na h-atharrachaidhean a thàinig air am beatha agus fiosrachadh a sgaoileadh a dh'fhaodadh a bhith cuideachail.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Bhuidheann Iomairt Aillse nan Eilean Siar agus an t-seirbhis ùr aca an-seo, taobh a-muigh.

Dealbh de phostair WICCI mun t-seirbheis ùir aca ag innse na tha na luib.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha taic ri fhaighinn aig gach ìre den t-slighe do dhaoine le aillse agus an cuid teaghlaichean