Leasachadh ùr is misneachd gu leòr aig Beinn Mhàbu

- Air fhoillseachadh
Air thuras a Cheap Breatainn as t-samhradh chuala mi sgeulachd mu bhiast mhòr de dhuine a bha a' fuireach ann an Siorramachd Inbhir Nis sa chiad leth den 20mh linn.
'S e The Clouter - An Clobhdair 's dòcha - a bha aig na daoine air Jack Mòr MacFhiongain.
Bha e a' fuireach domhain sa choille faisg air Allt MhicFhionghain ann an sgìre Mhàbu.
Chan fhaiceadh muinntir an àite e ach glè ainneamh, a rèir choltais, nuair a choisicheadh e grunn mhìltean a-steach a Mhàbu gus rudan mar mhin-fhlùr a cheannach.
Dh'fhalbhadh e air ais dhan choille le pocanan mòra air a dhruim is e cho làidir ri each.

An Clobhdair a' dèanamh a shlighe a Mhàbu ann an dealbh a rinn am fear-ealain Peadar MacFhraing
Ged a bha cliù aige mar fhear car annasach, cha chanadh ach amadan dad ris fhèin, tha e coltach, is An Clobhdair ainmeil airson daoine a leagail gu làr le aona bhuille.
Is chan e sin e a-mhàin: tha e coltach gum pàigheadh e airson a h-uile sìon le òr.
Chan eil coimhearsnachd ann tuilleadh anns na ceàrnaidhean coille far an robh Jack Mòr a' fuireach agus 's gann gun aithnicheadh e fhèin Màbu an-diugh.
Ach ann am meadhan a' bhaile bhig bhòidhich far an cosgadh e an t-òr aige, tha leasachadh ùr air tòiseachadh a dh'fhaodadh a bhith a cheart cho prìseil.
Dh'fhosgail Beinn Mhàbu mar an dàrna campas aig Colaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn ann an 2023.
Tha e stèidhichte ann an togalach ann am Màbu far an robh taigh-cràbhaidh ron seo.
'S e cùrsaichean goirid a tha am prìomh champas aig St Ann's a' tabhann ach aig Beinn Mhàbu tha oileanaich ann air feadh na bliadhna is iad ag obair a dh'ionnsaigh ceum.

Prìomh thogalach Beinn Mhàbu. Tha an leasachadh ùr air a' chùl
Tha na cùrsaichean stèidhichte air cultar is eachdraidh nan Gàidheal, ceòl is dannsa is leasachadh coimhearsnachd.
San dà bhliadhna bho dh'fhosgail an campas, tha adhartas air a bhith ann is bha clach-mhìle mhòr eile aca as t-samhradh seo nuair a thòisich obair-togail air togalach ùr le 24 àite-fuirich a bharrachd do dh'oileanaich.
Cosgaidh an leasachadh seo $5m le taic a' tighinn bho Riaghaltas na h-Albainn Nuaidh agus airgead cuideachd air a thoirt seachad le fear-gnothachais ionadail, Joe Shannon.
Tha na h-àitichean-fuirich fhèin gan togail faisg air làimh le companaidh ionadail is an uairsin gan cur a Mhàbu air cùl làraidh.
Fiù 's anns na beagan làithean bho thòisich an obair, tha cumadh an togalaich ùir mar-thà air nochdadh.

Coinneach MacCoinnich a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan is obair air an leasachadh ùr aig Beinn Mhàbu a' tòiseachadh
"'S e là mòr a th' ann am Màbu," dh'innis Iar-Cheann Suidhe Beinn Mhàbu Coinneach MacCoinnich dhomh.
"Tha e a' tighinn air adhart gu math is bidh e deiseil tha sinn an dòchas tràth sa Bhliadhna Ùir."
'S e an dòchas a bh' ann bho thùs gur e pròiseact a bhiodh ann am Beinn Mhàbu a chuireadh ri ath-bheòthachadh na Gàidhlig, ach a bheireadh cothrom cuideachd do dh'òigridh a bhith a' fuireach ann an Ceap Breatainn is cùrsaichean a dhèanamh, cho math ri daoine eile a thàladh.
Cleas Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite, tha an fheadhainn air cùl Beinn Mhàbu an dòchas gum bi iomadh buannachd ann do Mhàbu is an sgìre mun cuairt le oileanaich a bhith ann tron bhliadhna, agus gur e seòrsa de hub a bhios ann dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd.
Tha iad den bheachd gu bheil tuilleadh àitichean-fuirich a bhith ann - a bharrachd air an fheadhainn a bh' aca san t-seann togalach mar-thà - na cheum cudromach air adhart.
"Tha e gu math cudromach," thuirt Mgr MacCoinnich.
Obair a' tòiseachadh aig Beinn Mhàbu
"Tha e a' toirt dhuinn tòrr a bharrachd àite do dh'oileanaich airson prògraman a neartachadh is prògraman ùra a chur air dòigh.
"Tha e a' ciallachadh gu bheil barrachd fheadhainn òga a' tighinn dhan choimhearsnachd air feadh na bliadhna, a' cur seachad ùine is a' dèanamh rudan sa bhaile.
"Le pròiseactan mar seo is an riaghaltas is a' choimhearsnachd a' tighinn air ar cùl, tha sinn a' faicinn tòrr rudan math a' tachairt."
Às dèidh dhomh tadhal air Beinn Mhàbu, ghabh mi sgrìob cuideachd beagan mhìltean a-steach dhan choille gu Allt MhicFhionghain.
'S àlainn an t-àite gun teagamh ach air òr Jack Mhòir MhicFhiongain, bu mhòr am beud, cha robh fianais.
Dè an diofar?
Is fhearr na an t-òr sgeul air inns' air chòir, tha an seann-fhacal ag innse.
Aig Beinn Mhàbu, tha iad misneachail gu bheil stòiridh ùr luachmhor a' dol bho neart gu neart.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
- Air fhoillseachadh24 An Giblean
- Air fhoillseachadh16 An t-Samhain 2021