Dh'iarradh cainb seach clòimh a chleachdadh 'son a' Chlò Hearaich

Tha PETA a' cumail a-mach gu bheil gnìomhachas na clòimhe a' fàgail gu bheil caoraich a' fulang
- Air fhoillseachadh
Tha buidheann chòraichean bheathaichean ag iarraidh air gnìomhachas a' Chlò Mhòir gun clòimh chaorach a chleachdadh ach stuthan eile a thig à planntraisean na àite.
Tha PETA ag ràdh nach eil iad airson 's gum bi caoraich a' fulang agus tha iad ag iarraidh gun tèid cainb no sòigh a chleachdadh.
Tha iad a' cumail a-mach gu bheil gnìomhachas na clòimhe borb.
Tha Ùghdarras a' Chlò Hearaich (HTA) a' dol às àicheadh na casaid aca agus thuirt iad gum biodh e na bu mhiosa buileach gun a bhith a' lomadh nan caorach.

Chan eil an HTA am beachd iarraidh air breabadairean snàth bho lusan a chleachdadh seach clòimh chaorach
Tha Lucy Watson bho PETA ag ràdh gu bheil gnìomhachas cloimhe an t-saoghail ag adhbharachadh fulangas do chaoraich.
"Dh'iarr sinn air Ùghdarras a' Chlò Hearaich snàth cainb a chleachdadh leis gur e stuth nas coibhneile a th' ann agus cha bhi aig beathach ri fulang air a shon.
"Tha mi a' smaoineachadh gun còrdadh gluasad mar seo ri luchd-ceannach truacanta air a bheil dragh mun bhuaidh eitigeach agus air an àrainneachd aig clòimh chaorach."
Thuirt an HTA nach eil iad idir am beachd snàth cainb, neo hemp wool, a mholadh do na breabadairean agus na muilnean leis nach biodh e ceadaichte bhon Achd Phàrlamaid a tha a' riaghladh a' ghnìomhachais.

Tha an Clò Hearach air a dhion agus air a rìaghladh bho Achd Pàrlamaid
Tha Ceannard an Ùghdarrais, Calum Iain MacÌomhair: "Tha sinn làn den bheachd gur e clòimh chaorach an rud as fheàrr airson a' Chlò Hearaich.
"Tha sin air a mhìneachadh san achd phàrlamaid agus chan eil sinn a' faicinn dòigh airson falbh à sin, agus cha bhiodh sin laghail dhuinn."
Thuirt Mgr MacÌomhair gu bheil iad misneachail gu bheil na caoraich às a bheil a' chlòimh a' tighinn air an deagh choimhead às an dèidh sna h-eileanan agus air tìr-mòr.
Chàin an HTA PETA a dh'atharraich suaicheantas a' Chlò Hearaich le na facail 'Harris Weed' na chois san iomairt aca agus dh'iarr iad orra sin a thoirt a-nuas.