Ionad Spectrum gus dùnadh

- Air fhoillseachadh
Tha Ionad Spectrum ann an Inbhir Nis gus dùnadh aig deireadh na mìos.
'S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a tha an togalach ann am meadhan a' bhaile ach bha e air a ruith le companaidh cathrannais coimhearsnachd le taic bho High Life na Gàidhealtachd.
Tha taigh-cluiche san ionad is mòran chlasaichean is co-labhairtean cuideachd air an cumail ann.
Tha cafaidh san togalach a-nise air dùnadh.
Ann am brath thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid an togalach a dhùnadh aig deireadh an Lùnastail mus tèid co-dhùnadh a ghabhail air dè tha an dàn dha san àm ri teachd, ged nach eil fios aca cuine a thachras sin.
Thuirt iad nach biodh e iomchaidh dhaibh dad a ràdh mun Spectrum Centre Company, a bha a' ruith an ionaid.
Thuirt neach-labhairt bho High Life na Gàidhealtachd gu bheil a' chomataidh stiùiridh neo-eisimeileach a bha a' ruith Ionad Spectrum air a dhol à bith.
"'S e am fòcas a th' againn a-nise taic a chumail ris na buidhnean coimhearsnachd air an toir seo buaidh, is cuideachadh a thoirt dhaibh gus làraichean eile a lorg is an obair aca a chumail le cho beag buaidh 's a ghabhas," thuirt iad.