Còrr is £500,000 'son Seann Sgoil Chàirinis is Cnoc Soilleir

- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich Prìomh Mhinistear na h-Alba taic-airgid còrr is £500,000 airson dà phròiseact culturail is e a' tadhal air Uibhist Disathairne.
Gheibh Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath £360,000 a dh'ionnsaigh am pròiseact gus Seann Sgoil Chàirinis a leasachadh mar ionad dualchais.
Tha £200,000 cuideachd a' dol gu Ceòlas is an leasachadh a tha iadsan a' dèanamh air Cnoc Soilleir.
Ghabh Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath sealbh air togalach na seann sgoile ann an Càirnis ann an 2019 is an sgoil fhèin air dùnadh trì bliadhna ron sin.
Tha an Comann Eachdraidh air a bhith ag obair gus ionad dualchais a leasachadh ann bhon uairsin.
Doneil MacLeòid ag aithris san Fhaoilleach mu leasachadh Chomann Eachdraidh Uibhist a Tuath ann an Seann Sgoil Chàirinis
Dh'fhoillsich iad mar-thà taic £165,000 bho Riaghaltas na h-Alba aig toiseach na bliadhna.
Am measg nam pàipearan a th' aig a' Chomann Eachdraidh, tha a' chiad dreach den òran ainnmeil aig Dòmhnall Ruadh Chorùna, an Eala Bhàn, a chaidh a sgrìobhadh às dèidh dhan bhàrd a bhith air a leòn aig an t-Somme ann an 1916.
Tha Iain Swinney cuideachd a' foillseachadh £200,000 airson Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas.
'S e Mgr Swinney fhèin a dh'fhosgail Cnoc Soilleir gu h-oifigeil ann an 2022.
Ghluais Ceòlas air adhart gu sgiobalta às dèidh sin le planaichean airson na dàrna ìre den phròiseact.
Tha Iain Swinney ag ràdh gu bheil an dàrna ìre de Choc Soilleir gu math cudromach
Aig cridhe an leasachaidh tha talla mhòr le àite 'son suas ri 200 neach.
"Airson 's gum bi na h-eileanan iongantach a th' againn ann an Alba soirbheachail san àm ri teachd, tha e riatanach gun tèid a' Ghàidhlig a dhìon agus dualchas ionadail a ghlèidheadh, agus gum faigh cultar an cothrom a bhith a' fàs," thuirt am Prìomh Mhinistear.
"'S ann fìor chudromach a tha pròiseactan leithid ùrachadh Seann Sgoil Chàirinis le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, chan ann a-mhàin do dh'ath-bheòthachadh a' chànain ach do dh'fhàs nan eaconamaidhean dùthchail, eileanach a th' againn.
Aithris Shona NicDhòmhnaill à fosgladh Cnoc Soilleir ann an 2022
"Tha fadachd mhòr orm ri bhith a' tilleadh gu Cnoc Soilleir airson an t-adhartas fhaicinn a rinneadh bhon turas mu dheireadh a bha mi ann. Thathar ga aithneachadh am measg nan sgeulachdan Gàidhlig cho soirbheachail 's a chunnacas bho chionn ghoirid, 's e na lòchran-iùil do chultar agus ealain thraidiseanta ann an Uibhist a Deas," thuirt e.
Tha am maoineachadh airson an dà phròiseact a' tighinn à Maoin Chalpa na Gàidhlig 2025-26.
Bha Mgr Swinney mar-thà air £690,000 fhoillseachadh do MG ALBA 's e air thuras a Leòdhas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 Am Faoilleach
- Air fhoillseachadh29 An Lùnastal 2024