Gèilleadh gu ìre mu "Rìoghalachd" Colaisde na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Colaisde Rìoghail na GàidhligTùs an deilbh, Mikmaq
Fo-thiotal an deilbh,

Tha connspaid mhòr air a bhith ann mun chùis.

Tha Bòrd-Stiùridh Colaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn air gèilleadh gu ìre sa chonnspaid mun fhacal "Rioghail" ann an ainm na colaiste.

Thuirt iad gun tèid an t-urram bhon Bhànrigh a chumail, ach nach cleachd iad an tiotal ann an obair àbhaisteach na colaiste.

Chaidh an ceòl air feadh na fidhle ann an Ceap Breatainn nuair a chaidh am facal "Rìoghail" a chur ann an ainm Colaisde na Gàidhlig san Dùbhlachd.

Bha gu leòr den bheachd nach robh an tiotal freagarrach dhan àite, agus às dèidh iomairt, bhòt ballrachd na colaiste an t-seachdain seo chaidh gus cur às dhan ainm ùr.

A-nise tha Bòrd-Stiùiridh na colaiste air innse gu bheil iad moiteil gun d' fhuair iad aithneachadh bhon Bhànrigh, is gun cùm iad an t-urram.

Thuirt iad ge-tà, nach tèid am facal "Rìoghail" a chleachdadh ann an obair làitheil na colaiste.

Beachdaichidh iad a-nise, thuirt iad, air dòighean iomchaidh 'son urram na Bànrigh a chomharrachadh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh