Atharrachadh air fàire do Bhòrd na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh Ceannard ùr a' Bhùird na dhreuchd sa Mhàrt.
Tha Iar-chathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach, ag ràdh gu bheil an t-àm ann coimhead ri prìomhachasan a' Bhùird às dèidh dhaibh Ceannard ùr ainmeachadh.
'S e Iain Caimbeul a ghabhas àite Iain Aonghais MhicAoidh, a bhios a' leigeil dheth a dhreuchd aig deireadh a' Mhàirt ann an 2015.
''S ann à Uibhist a Deas a tha Mgr Caimbeul, a bha roimhe na Chathraiche air a' Bhòrd, agus tha e an-dràsta na Àrd-Mhanaidsear Pròiseict airson Soillse.
Slighe a' Bhùird
Thuirt Ailean Dòmhnallach gu bheil cothrom ann a-nis sùil a thoirt air an t-slighe a tha am Bòrd a' gabhail.
"Tha am Bòrd aig ìre an-dràsta far am feum sinn coimhead ri a bhith a' coimhead ri prìomhachasan a' Bhùird - ca' bheil am Bòrd a' dol, dè tha an Riaghaltas ag iarraidh oirnn a dhèanamh, càite a bheil sinn a' faicinn a tha feum air taic - ann am foghlam, anns na h-ealain, am measg dhaoine òga?", thuirt e.
Thuirt e gu bheil am Bòrd a' cumail choinneamhan ann an Steòrnabhagh an t-seachdainn seo le diofar bhuidhnean a tha an sàs anns a' Ghàidhlig agus gu bheil e cudromach gun èist iad riutha sin.
Tha e ag ràdh cuideachd ge-tà, nach ann a-mhàin air Bòrd na Gàidhlig a tha uallach airson àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh.
Taic
"Chan eil Bòrd na Gàidhlig na aonar anns an t-saoghal a tha seo - tha am Bòrd ann an seo airson taic a chumail ri daoine a tha ag obair ann an Gàidhlig agus feumaidh sinn a bhith a' coimhead mun cuairt oirnn fad na tìde, chan urrainn dhuinn suidhe air ais agus a ràdh gur e sin an àireamh a bha sinn ag iarraidh."
'S ann ann an co-bhann le daoine eile a bheir iad a' Ghàidhlig air adhart thuirt e.
Tòisichidh Mgr Caimbeul na dhreuchd air an 2na là den Mhàrt.