Sgoil an Ath Leathainn na "cùis nàire"
- Air fhoillseachadh

Chaidh sgrùdaidhean a dhèanamh air sgoiltean eile san sgìre, ach cha deach air Sgoil an Ath Leathainn, a rèir Mhgr Miller.
Chaidh innse do Chomataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil tè de bhun-sgoiltean an Eilein Sgitheanaich ann an staid cho truagh 's nach bu chòir a bhith a' teagaisg chloinne innte anns an 21mh Linn.
Thuirt an Comhairliche Sgitheanach Drew Millar gu bheil Sgoil an Ath Leathainn na cùis nàire, agus nach eil i fiù 's dìonach bhon uisge.
Tha e fhèin agus comhairlichean Sgitheanach eile ag iarradh sgoil ùr san sgìre cho luath 's a ghabhas.
"'S e cùis nàire a th' ann am Bun-Sgoil an Ath Leathainn," thuirt an Comh. Miller.
Radar
"Tha am mullach ag aodion fad na h-ùine. Chaidh an càradh, 's thig snighe annta a-rithist.
"Tha peilichean ann an seòmraichean teagaisg, anns na trannsairean. 'S e dìreach àite uabhasach a th' ann airson na 21mh Linne.
"Tha comhairlichean na sgìre gu mòr airson sgoil ùr a thoirt air adhart don Ath Leathann.
"Tha dragh mòr oirnn mu shunnd nan sgoilearan agus an luchd-obrach anns an togalach sin.
"Dha-rìribh, dh'iarradh sinn adhartas fhaicinn gu math luath. Tha làrach na sgoile mòr gu leòr airson sgoil ùr a thogail," thuirt e.
Tha ceist ann carson nach eil an sgoil air liosta na Comhairle de sgoiltean a dh'fheumas togalaichean ùra.
Thuirt Drew Miller gun robh e mì-fhortannach nach robh staid na sgoile "air radar aig duine sam bith".
Thuirt e gun deach sgrùdadh a dhèanamh air sgoiltean eile san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse, ach cha deach air Sgoil an Ath Leathainn.

Thàinig staid na sgoile gu aire nan comhairlichean ionadail nuair a thadhail iad a thoirt sùil air cùisean parcaidh aig an sgoil.
'S ann nuair a chaidh comhairlichean na sgìre chun na sgoile a thoirt sùil air ceist eile mu pharcadh a chunnaic iad staid an togalaich.
Tha e deimhinnte às gu bheil sgoil ùr a dhìth. Chan eil coltas ann gun tig sin gun strì mhòr ge-tà.
"Tha sinn dìreach air suirbheidh a dhèanamh air sgoiltean uile na Gàidhealtachd, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean," thuirt Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim, Alasdair Christie.
"Tha clàran againn de staid nan sgoiltean sin, agus air an sgrùdadh sin a thèid prìomhachas a' phrògraim chalpa a stèidheachadh.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil 's dòcha 80 comhairliche a dh'iarradh sgoil ùr san sgìre aca.
"Gu mì-fhortannach chan eil de dh'airgead aig an ùghdarras a thogadh bun-sgoiltean ùra sa h-uile àite.
"'S e sin a dh'fhàg gun do lean sinn slighe loidsigeach a bhith a' toirt prìomhachais do na sgoiltean a th' anns an staid as miosa," thuirt e.