Fireannach ciontach de dh'ionnsaighean feiseil air dithis chloinne san Òban

- Air fhoillseachadh
 
Chaidh fireannach fhaighinn ciontach de dh'ionnsaighean feiseil air cloinn a bha fo a chùraim ann an dachaigh-còmhnaidh anns an Òban eadar 1998 agus 1999.
Anns an ùine sin, rinn Alexander Boyd, aois 56, èigneachadh, dh' fheuch e ri èigneachadh a dhèanamh agus ionnsaighean feiseil eile.
Chaidh fhaighinn ciontach air ceithir chasaidean aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu Diluain an 3mh den t-Samhain.
Bha na h-eucoirean aige co-cheangailte ri dithis nigheanan a bha fo a chùraim agus nochd na rinn e nuair a thàinig fianaisean air adhart agus a bhruidhinn iad ri na poilis.
Thuirt an Detective Inspector Peadar Mac a' Mhaoilein gun do chleachd Boyd a' chumhachd a bh' aige airson eucoirean uabhasach a dhèanamh an aghaidh cloinn.
"Bha e air a phàigheadh airson coimhead as dèidh na cloinne ach an àite sin, ghabh e brath orra agus rinn e eucoir far an robh còir aca a bhith sàbhailte", thuirt Mgr Mac a' Mhaoilein.
Dh' iarr e cuideachd air duine sam bith air a bheil dragh mu ionnsaighean feiseil fios a chur gu oifigearan no gu seirbheis taice a dh' èisteas agus a nì rannsachadh.
Thèid binn a chur air Boyd air an 9mh den Dubhlachd.