"Fhuaireadh luach an airgid"

  • Air fhoillseachadh
Ùlpan
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair an rannsachadh nach robh ach 3,000 duine air an cùrsa a chrìochnachadh, an dèidh cosgais phoblaich de chòrr is £1m air.

Dh'aidich Bòrd na Gàidhlig gun do chuir iad airgead mu choinneimh an t-siostaim teagaisg Ùlpan, 's gun cus fiosrachaidh aca mu dè bh' ann.

Bha Stiùiriche Leasachaidh Chànain a' bhùird a bruidhinn 's aithisg ag ràdh gun deach £1m a chosg a' brosnachadh Ùlpan, ach nach eil ach 3,000 duine aig a bheil comasan Gàidhlig às dèidh dhaibh crìoch a chur air a' chùrsa.

A dh'aindeoin sin, tha Dàibhidh Boag ag ràdh gun d' fhuair iad luach an airgid à Ùlpan, agus gun cùm iad orra a' cur taic ris.

"Cha robh mòran fios againn mar Bhòrd agus mar choimhearsnachd dè bh' ann an Ùlpan mar gum biodh," thuirt e.

"Ach bha làn-fhios againn gun robh feum againn air cùrsa leantainneach mar gum biodh aig ìre choimhearsnachd.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Stiùiriche Leasaichaidh Chànain aig Bòrd na Gàidhlig.

"Sin an adhbhar a chuir sinn pròiseact leasachaidh air dòigh còmhla ri muinntir Ùlpan.

"Ann an dòigh bha an rannsachadh seo a' dearbhadh gun robh oileanaich a' ruighinn ìre mar a bu chòir airson nan uairean de thìde a bha iad a' cosg air a' chùrsa.

"Agus tha còrr is 3,000 duine an Alba ag ionnsachadh Gàidhlig an-diugh nach robh ag ionnsachadh na Gàidhlig mus robh Ùlpan ann, so chanainn nach e cùis nàire a tha sin.

"Tha mi cinnteach, ma tha thu a' coimhead air coimeas anns an rannsachadh seo eadar cùrsaichean eile san Roinn Eòrpa tha mi a' smaoineachadh gu bheil a' Ghàidhlig a' faighinn deagh luach airson airgid le Ùlpan, agus cùrsaichean eile.

"Ann an dòigh chan e cosgais a tha sin. Tha sinn a' cur ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, tha sinn a' cosg airgid air na sgilean aca a leasachadh.

"Nam bheachd-sa 's e sin ròl Bhòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile airson taic a thoirt do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig," thuirt e.