Bòrd na Gàidhlig "ann an èiginn"
- Air fhoillseachadh

Chaidh Joe Moore bho Dhualchas Nàdair na h-Alba - aig nach eil Gàidhlig - fhastadh mar Cheannard eadar-amail air a' Bhòrd.
Tha Bòrd na Gàidhlig ann an suidheachadh èiginneach, ann am beachd a' chiad Chatharaiche aca.
Bha Donnchadh Fearghasdan a' bruidhinn agus am Bòrd air duine aig nach eil Gàidhlig - Joe Moore bho Dhualchas Nàdair na h-Alba - a chur ann an dreuchd a' Cheannard san eadar-ama.
Dh'fhàg an Ceannard a bh' aig a' Bhòrd, Iain Caimbeul, a dhreuchd aig deireadh na h-Ògmhìos às dèidh dìreach trì mìosan san obair.
Am beachd Mhgr Fheargasdain, tha ceistean mòra romhpa.
Suidheachadh Èiginneach
"Tha e a' cur dragh orm gu bheil cùisean air a bhith cho duilich aig a' Bhòrd," thuirt e.
"Chan eil fios aig duine nach eil an sàs air a' Bhòrd no mar luchd-obrach, dè tha a' tachairt gu cinnteach, ach bhon taobh agamsa dheth, tha mi duilich.
"Cha robh mi toilichte an turas mu dheireadh a thug iad a-steach triùir, cha robh mi a' faicinn gun robh sin a' dèanamh feum.
Chan eil mi a' dol a chur sìos air duine sam bith a thaobh nach eil a' Ghàidhlig aca. Corra uair ann an saoghal na Gàidhlig tha sinn air a bhith air leth taingeil do dhaoine nach robh fileanta sa chànan ach a rinn deagh obair.
"Ach shaoilinn, le prìomh bhuidheann na Gàidhlig, gum bi daoine a' magadh oirnn. Chan eil mi a' faicinn dòigh seachad air sin.
"Tha thu feumail air aon duine le smachd air buidhinn aig an ìre sin, ag obair còmhlar is a' Chathraiche, augs tha e a' cur iongnadh orm nach tug iad sùil air a' Chomann Ghàidhealach, air Comunn na Gàidhlig, airson cuideigin aig a bheil fìor eòlas ann an saoghal na Gàidhlig a thighinn a-steach.
Pròiseact Eadar-amail
"Shaoilinnsa gu bheil cùisean air a dhol ceàrr airson mìos no dhà. Sgrìobh mi fhèin artaigil a' togail cheistean mun cuairt air adhartas na Gàidhlig san fharsainneachd.
"Chan fhaca mi freagairt on Bhòrd no on Mhinistear mun cuairt air sin.
"So ann an dòigh, tha mi a' smaoineachadh gu bheil duilgheadasan ann, agus tha seo a' tighinn gu suidheachadh èiginneach.
"'S dòcha a-mach à seo, gum faigh sinn gu slighe nas fheàrr air aghaidh airson a' Bhùird, agus airson Gàidhlig - an rud as cudromaiche san fharsainneachd," thuirt e.
Ach, tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith a' dìon a' cho-dhùnaidh Mgr Moore a chur na Cheannard rè ùine.
"Chan eil a' Ghàidhlig aige, ach tha e ag obair dhan Bhòrd ge-tà, 's tha an cànan aig a' Bhòrd," thuirt Cathraiche a' Bhùird, Ailean Dòmhnallach.
"Agus 's e pròiseact eadar-amail a tha seo gus an tèid Ceannard ùr a chur na àite fhèin, agus gu dearbha na dreuchdan eile a lìonadh cuideachd.
"Mar sin bidh sinn a' gluasad an ath-sheachdain gu bhith a' coimhead air adhart ri ciamar a tha sinn a' dol a dh'fhastadh Ceannard ùir.
"Gu cinnteach feumaidh Gàidhlig a bhith aige. Sin an t-amas a th' aig a' Bhòrd. Sin mar a bu chòir dha a bhith, agus sin mar a thèid a shanasachd."