Rabhadh mun Ghàidhlig

  • Air fhoillseachadh
RatharsairTùs an deilbh, Peter Paalvast / Geograph

Chuala co-labhairt ann an Glaschu gu bheil cunnart ann gun tig là nuair nach bi duine a' bruidhinn na Gàidhlig ach an fheadhainn a tha ag obair ann am buidhnean Gàidhlig.

Bha an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin a' bruidhinn aig co-labhairt Soilse ann an Glaschu.

Tha an t-Ollamh Ó Giollagáin e fhèin na stiùiriche air Soillse.

Tha e gu làidir den bheachd nach eil na poileasaidhean a th' ann an-dràsta a thaobh leasachadh na Gàidhlig ag obair.

Thuirt an t-Ollamh Ó Giollagáin gum feum na buidhnean Gàidhlig aideachadh gu bheil an cànan ann an suidheachadh èiginn.

Oidhirp

Dh'iarr e gun dèan iad sin, is gun dèan iad an uairsin oidhirp mhòr gu sònraichte anns na sgìrean far a bheil a' Ghàidhlig fhathast ga bruidhinn sa choimhearsnachd.

Thuirt e gu bheil na buidhnean Gàidhlig a' feuchainn ri luchd-labhairt ùr a chruthachadh tro fhoghlam, gun aire a thoirt dha na coimhearsnachdan far a bheil an cànan fhathast gu ìre air bilean an t-sluigh.

"Chan eil an taic a th' ann faisg gu leòr air a' choimhearsnachd agus chan eil e ag amas air an staing", thuirt an t-Ollamh Ó Giollagáin.

"Ma tha coimhearsnachdan na Gàidhlig a' falbh, ann an Alba is Èirinn - tha poileasaidhean Gàidhlig againn san dà stàid sin - ma tha na coimhearsnachdan air falbh, cha bhi againn ach na buidhnean poblach", thuirt e.

Thuirt Righaltas na h-Alba gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt de chultur na h-Alba agus gu bheilear ga cleachdadh gach là ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad gu math mothachail air staid chugallach na Gàidhlig, agus gur ann air an dearbh adhbhar sin a tha e na phrìomhachas dhaibh a bhith a' cumail taic ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus an ath-ghinealach de luchd-labhairt a bhrosnachadh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh