Fearg mu mholadh Ghallaibh
- Air fhoillseachadh

Chruinnich buidheann de luchd-iomairt ann an Inbhir Uige airson fianais a thogail an aghaidh phlana gus lùghdachadh a thoirt air seirbheisean màthaireil ann an Gallaibh.
Tha aithisg a rinneadh do Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd a' moladh Ionad Màthaireil Coimhearsnachd, a bhiodh air a stiùireadh le mnathan-glùine, a stèidheachadh anns an sgìre.
Cha bhiodh àrd-dhotairean ann tuilleadh, is rachadh cùis sam bith nuair a dh'fhaodadh trioblaid a bhith aig boireannach a chur a dh' Inbhir Nis.
Mhol an aithisg Ospadal an Ràthaig Mhòir a neartachadh mar phrìomh ionad dha ionadan màthaireil coimhearsnachd ann an sgìrean a-muigh air an dùthaich.
Thuirt an t-Oll. Hugo van Woerden, a bha os cionn an sgrùdaidh, gur e ionad màthaireil coimhearsnachd a tha air a bhith ann an Gallaibh gu ìre mhòir bhon Damhair an-uiridh, is gu bheil am modal ag obair ann am badan eile den Ghàidhealtachd, is gu dearbha gu bheil e, na bheachd fhèin, nas sàbhailte.
Càineadh
Cha robh leisg air luchd-iomairt na molaidhean a chàineadh.
Chruinnich mu 40 dhuibh taobh a-muigh Talla Bhaile Inbhir Uige madainn Dimàirt fhad 's a bha comhairlichean a' coinneachadh san togalach.
Dh'iarr iad taic nan comhairlichean san t-srì an aghaidh nam molaidhean.
Thuirt tè den luchd-iomairt, Nicola Nic na Ceàrdaich, gu bheil na planaichean "glè mhì-shàbhailte" leis nach biodh àrd eòlaichean ann 'son leithid obair-lannsa caesarean èiginneach a dhèanamh.
Thog i dragh cuideachd mu chomasan Seirbheis Eiridinn na h-Alba dèiligeadh ris an uallach a bharrachd a bhiodh orra.
Beachdaichidh NHS na Gàidhealtachd air a' chùis aig coinneimh aig deireadh na mìos, is thèid iarraidh orra taic a chur ris na molaidhean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An t-Samhain 2016