Faochadh Ghallaibh: "Dhèanadh oidhche fois diofar mòr"

Elizabeth Jones 's a mac Ollie
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis luchd-iomairt ann an Gallaibh gun cùm iad orra ach am bi seirbheis faochaidh anns an sgìre do chloinn le feumalachdan taice a bharrachd.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd iomadh uair gum biodh an t-seirbheis anns an t-siorrachd bho sguir i aig Thor House tron phandemic bho chionn ceithir bliadhna, ach chan eil i ann fhathast.

Tha iad a-nise a' cur romhpa gum bi i ann san Dàmhair.

Tha Ollie 9, tha òtasm air, 's chan eil comas labhairt aige.

Bidh e a' cleachdadh tablait ach an urrainn dha innse dha athair dè tha e ag iarraidh.

Thàinig air athair, Caoimhin Mac a' Ghobhainn, an obair aige a leigeil bhuaithe airson coimhead às a dhèidh tron t-seachdain.

"Tha dùbhlan an cois òtasm, oir dhomhsa tha e coltach ri bhith ag ionnsachadh cànain ùir, no bhith a' pùtadh cearcaill tro thrìantan," thuirt e.

"Ach an uair sin 's e pròiseas ionnsachaidh a th' ann. Tòisicheamaid ag ionnsachadh, 's an uair sin obraichidh tu timcheall air gu làitheil."

Ollie a' cluich air an tramploilin

Tha Ollie a' fuireach còmhla ri a mhàthair agus a phiuthair ann an Inbhir Theòrsa air an deireadh-sheachdain.

Tha a mhàthair, Elizabeth Jones, den bheachd gu bheil òtasm air an nighean aice, Phoebe, cuideachd, ged nach deach sin a dhearbhadh fhathast.

Tha an suidheachadh a' toirt buaidh air an teaghlach gu lèir, thuirt i.

"Bidh feum fhathast aig Caoimhin air fois cuideachd, agus nuair a thig Ollie thugamsa air an deireadh-sheachdain, bidh Ollie agus Phoebe agamsa an uair sin còmhla," thuirt i.

"'S ann agamsa as motha a tha feum air fois.

"Nam faigheadh aonan no an dithis aca air fuireach ann an Thor House aon oidhche sa mhìos - ged nach shaoileadh tu gu bheil diofar mòr an sin, aon oidhche de shìth sa mhìos far nach fheum thu ruith mun cuairt ag atharrachadh bhadan agus a' gabhail dragh mu chuairtean boile, 's sàbhailteachd, nì sin diofar mòr."

Elizabeth Jones agus Phoebe
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Elizabeth an amharas gu bheil òtasm air Phoebe cuideachd, ach cha deach sin a dhearbhadh fhathast

Bha an t-seirbheis faochaidh aig Thor House ga ruith fad 30 bliadhna mus do sguir i aig àm a' phandemic.

Gheall a' Chomhairle gun deadh a stèidheachadh às ùr, ach thathas fhathast a' feitheamh.

"Thuige seo chaidh grunn deitichean a chur mu choinneimh seo," thuirt am fear-iomairt sòisealta, Iain Gregory.

"'S e na dh'fheumas sinn a dhèanamh a-niste, ach an t-seirbheis sin fhaighinn air ais, air sgàth chan e a-mhàin na cloinne ach am pàrantan cuideachd."

Tha an t-seirbheis faochaidh as fhaisge còrr is 100 mìle air falbh ann an Inbhir Nis.

Dh'innis teaghlaichean gum biodh e doirbh an turas a tha sin a dhèanamh ann an càr, trèana no air a' bhus le leanabh air a bheil òtasm.

Iain Gregory

Tha ceist air Elizabeth an till an t-seirbheis a Ghallaibh idir.

"Chaill sinn dithis àrd-mhanaidsearan aig Comhairle na Gàidhealtachd a bha a' dèiligeadh ri Thor House," thuirt i.

"Chuir iad bhuapa an dreuchdan. Tha manaidsear ùr ann, 's tha sinn a' tòiseachadh thairis, 's tha mise a' faireachdainn gun do chaill an gnothach spionnadh.

"Chan eil iad cunntachail, agus tha mi a' faireachdainn gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a-niste os cionn an lagha.

"Chan fhaod duine toirt orra seo a dhèanamh gu laghail 's tha fhios aca."

Dh'innis neach-labhairt na Comhairle gun tug e na b' fhaide na bu thoil leotha an t-seirbheis a stèidheachadh às ùr ri linn an t-siostaim dealbhachaidh.

Thuirt iad gu bheil iad air a bhith ag obair còmhla ri Buidhinn Sgrùdaidh a' Chùraim tron phròiseas gu lèir, a' leantainn riaghailtean laghail, 's gu bheil iad a-nis ag amas gum bi an t-seirbheis ann bhon Dàmhair.

Caoimhin Mac a' Ghobhainn
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Caoimhin ag ràdh gu bheil e dùbhlanach do phàrantan, 's gun dèanadh faochadh diofar mòr

Ma thilleas, 's e faochadh dha-rìribh a bhios ann do na teaghlaichean air a bheil seo a' toirt buaidh.

"Dh'fhaodadh seo tachairt do theaghlach sam bith, 's chan iarrainn e air duine," thuirt Caoimhin.

"Chan eil mi ag ràdh gur e mallachd a th' ann. Uaireannan 's e gibht a th' ann an òtasm cuideachd.

"Ach do phàrantan faodaidh e bhith doirbh, 's ma tha an cothrom agad air faochadh ann an leithid Thor House, dhèanadh e cùisean mòran na b' fhasa."

Chan eil an luchd-iomairt an dùil feitheamh 's gabhail ris a' ghealltanas ge-tà.

"Cumaidh sinn oirnn a' cur cuideim air a' Chomhairle, a' togail aire, 's a' dol chun nam meadhanan," thuirt Iain Gregory.

"Agus cumaidh sinn oirnn a' toirt taic do na teaghlaichean air a bheil seo a' toirt buaidh cho trom.

"Feumar cuimhneachadh gu bheil seo a' toirt buaidh air cloinn, chan e dìreach na pàrantan, ach air cloinn, 's chan eil e math gu leòr."