Urram mòr mara do Chaiptean Leòdhasach

An Caiptean Iain MacCoinnich
  • Air fhoillseachadh

Tha urram mòr mara ga bhuileachadh air fear de mhuinntir Leòdhais a th' air a bhith na sgiobair fad còrr is 30 bliadhna a' seòladh le Caledonian Mac a' Bhriuthainn.

Tha an Caiptean Iain MacCoinnich, à Àird an Rubha, air a bhith a' cheart cho fada a' toirt seachad a chuid ùine gu saor-thoileach air seirbheis a' bhàta-theasairginn.

Thèid Duais a' Chabhlaich Mharsanta a bhuileachadh air – duais a tha na pàirt de shiostam urraman na Rìoghachd Aonaichte, 's a gheibh suas ri 12 duine sa bhliadhna.

'S ann airson a bhith a' frithealadh choimhearsnachdan eileanach a tha e ga faighinn, ged a tha a' chùis air fhàgail gu toilichte a' tachas a chinn.

An Caiptean Iain MacCoinnich agus Ceit Fhoirbeis

"Chan eil mise a' faicinn gun robh mi a' dèanamh càil annasach, ach an obair a tha còir agam a dhèanamh," thuirt e.

"Cha robh mi a' tuigsinn carson a bha mise ga fhaighinn, an taca ri feadhainn den fheadhainn eile a tha ga fhaighinn.

"Ach tha mi uabhasach toilichte gu bheil mi ga fhaighinn."

B' ann ag obair air aiseag ainmeil nach eil ann tuilleadh a thòisich an Caiptean Iain ag obair aig CalMac ann an 1993.

"Thòisich mi aig CalMac a' coimhead an dèidh nan càraichean a bha a' feitheamh ri dhol air an aiseag eadar an Caol 's Caol Àcainn," thuirt e.

"Bha còir gur e sia seachdainnean a bha mi dol a dh'obair dhaibh.

An Caiptean Iain MacCoinnich

"Tha mi an dèidh a bith steady bho 1993, so 32 bliadhna."

Tha e fhathast ag obair an lùib bàta-teasairginn a' Chaoil.

"Tha mise a' gabhail an uallaich airson sin a ruith an-dràsta," thuirt e.

"Bha mi air a' chriutha bho mus tàinig sinn dhan linn a tha seo.

"An uair sin bha mi aig an stiùir, 's ùghdarras cur air bhog, 's a-niste 's mi a tha os a chionn."

Chan eil fhios fhathast aig Iain càite dìreach a thèid an duais a thoirt dha, no cò bheir dha i.

Tha e a' feitheamh gairm, ann an dòigh.

Tha fhios aige ge-tà, gur e trusgan sgiobair a bhios air, 's e a' dèanamh fiughair ri turas a Lunnainn uaireigin.