Goireasan ùra spòrs san Àth-Leathann ceum nas fhaisge

A' phàirc a thèid a leasachadh is làrach na sgoile ùire a bhios ann
- Air fhoillseachadh
Tha buidheann coimhearsnachd ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich ag ràdh gu bheil iad ceum mòr nas fhaisge air goireasan ùra spòrs is gealltanas aca air taic-airgid £200,000.
Thigeadh an t-airgead bho Mhaoin Ath-Nuadhachaidh nan Coimhearsnachdan aig Comhairle na Gàidhealtachd.
'S iad Àrainn Coimhearsnachd Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich a tha air cùl nam planaichean airson goireasan ùra spòrs a stèidheachadh san Àth Leathann.
Tha iad airson an leasachadh a thoirt gu buil aig an dearbh àm 's a tha bun-sgoil ùr ga togail sa bhaile.
Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo chaidh gun deach cùmhnantaiche ainmeachadh airson an sgoil ùr a thogail is mì-thoileachas air a bhith ann fad bhliadhnaichean mu staid na sgoile ann.
Tha dùil aig an ìre seo gun tòisich obair san Dùbhlachd is gum bi an sgoil ùr deiseil ro shamhradh 2027.
Tha dragh air a bhith ann bho chionn ùine cuideachd ge-tà mu ghainnead de ghoireasan spòrs freagarrach san sgìre is iomagain ann mun bhuaidh air daoine òga gu seachd àraid.
- Air fhoillseachadh20 An t-Samhain 2017
- Air fhoillseachadh17 An Giblean 2024
- Air fhoillseachadh27 Am Màrt
Fo na planaichean aig Àrainn Coimhearsnachd Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich, thèid pàirc phlastaig a thogail an àite na pàirce fèoir a th' ann an-dràsta.
Thàinig taic £150,000 bho spòrsalba nas tràithe am-bliadhna is tha £200,00 a-nise air a ghealltainn bho Mhaoin Ath-Nuadhachaidh nan Coimhearsnachdan aig Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha am maoineachadh a' crochadh air taic fhaighinn cuideachd bho Phrògram Eileanan Riaghaltas na h-Alba 2025/26.
Tha Àrainn Coimhearsnachd Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich ag ràdh gu bheil dùil aca ri fios air sin anns na mìosan ri tighinn.
"Tha sinn an dòchas gun tèid a' phàirc ùr a thogail ri taobh na sgoile ùire nas fhaide air a' bhliadhna", thuirt Sarah Yoxon bhon bhuidhinn.
"Bidh e comasach farsaingeachd de spòrs a chluich air a' phàirc, a' gabhail a-steach ball-coise, iomain, rugbaidh is hocaidh".
Thuirt a' bhuidheann gun deach innse dhaibh bho thùs gum feumadh iad maoineachadh a lorg à diofar shruthan, is gur e taic bho Phrògram Eileanan an Riaghaltais an rud mu dheireadh a tha a-nise a dhìth.