Plana 'son baile sealadach do luchd-obrach SSEN air iomall Steòrnabhaigh

An làrach a tha san amharc
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich a' chompanaidh SSEN planaichean air thoiseach air iarrtas dealbhachaidh airson àiteachan-fuirich sealadach do luchd-obrach ann an Leòdhas.

Chomharraich iad làrach far Rathad Ghleann Seilich air iomall Steòrnabhaigh far an deadh àiteachan-fuirich sealadach a thogail do suas ri 200 neach.

Tha a' chompanaidh am beachd leasachadh a dhèanamh air lìonra an dealain san eilean airson rùm a dhèanamh dhan chumhachd a thig à tuilleadh sgeamaichean ath-nuadhachail.

Togaidh SSEN fo-stèisean ùr, le càball-dealain ùr fon mhuir a' ceangal an eilein ri tìr-mòr.

Tha seo agus deasbad air a bith a' dol o chionn ùine mun bhuaidh a bheir an obair air bun-structar an eilein, 's dè a' bhuannachd a gheibh a a' choimhearsnachd às san ùine fhada.

An làrach a tha san amharc

Tha dùil gun tèid taighean a thogail a bhios rim faotainn air prìs reusanta do mhuinntir an àite an dèidh dhan obair tighinn gu crìch, a thuilleadh air togalaichean a th' ann a bhith air an leasachadh.

"Tha sinn aig an ìre seo an dùil gum bi suas ri 200 air a' char as motha a' fuireach air an làraich aig na h-amannan as trainge den obair," thuirt labhraiche aig SSEN Transmission.

"Tha sinn a' leantainn le bhith a' coimhead ri cothroman eile air àiteachan-fuirich cuideachd, a' toirt a-steach togalaichean a th' ann a leasachadh, a thuilleadh air taigheadas ùr a thoirt seachad ann an Leòdhas.

"Mar phàirt den phròiseact againn tha sinn a' coimhead ri grunn chothroman tro am fàg sinn dìleab aig na coimhearsnachdan a bheir aoigheachd don luchd-obrach againn."

Thuirt a' chompanaidh gum foillsich iad planaichean nas mionaidiche fhathast mu na tha fa-near dhaibh.