"Èirich, cuir romhad a dhèanamh agus dèan e!"

Seonag NicAnndraisTùs an deilbh, MAREE NICNEACAIL
  • Air fhoillseachadh

Tha Ban-Uibhisteach a rinn a dachaigh an Inbhir Nis a' faighinn aithne airson na tha i air a thogail de dh'airgead do bhuidhnean carthannais thar nam bliadhnaichean.

'S e an obair a rinn Seonag NicAnndrais gu saor-thoileach airson faisg air 15 bliadhna gun dùil ri cliù neo cosnadh a tha a' fàgail gun deach a cur air adhart airson Duaisean Dèan Diofar BBC Radio nan Gàidheal.

Tha i ag ràdh gu bheil i "airson a chur air ais dhan choimhearsnachd airson buidhnean beaga nach eil a' faighinn dad".

"Tha e a' toirt toileachais dhomh," thuirt i.

Tha i a' tomhas gu bheil na cèilidhean, rafailean agus tachartasan eile a chuir i air dòigh air timcheall air £50,000 a thogail.

A bharrachd air airgead a thogail tha i ag radh gu bheil i "a' cur ri beatha nan Gàidheal" an Inbhir Nis le bhith a' toirt cothrom dhaibh tighinn còmhla mar a chleachd.

"Cha bhi coibhneas aig daoine mar a th' aig Gàidheil agus na h-Eileanaich," tha Seonag ag ràdh.

Ceitidh Ann NicThòmais (clì) agus caraidean eile de Sheonag a tha a' cumail taic rithe a' togail airgid do charthannasTùs an deilbh, SEONAG NICANNDRAIS
Fo-thiotal an deilbh,

Ceitidh Ann NicThòmais (clì) còmhla ri buill eile de Sgioba Seonaig

"Tha i còir, càirdeil, spòrsail, daingeann - ma tha i airson càil a dhèanamh - eirmseach agus bheireadh i gàire air duine sam bith."

Chuir Ceitidh Ann NicThòmais eòlas air Seonag nuair a ghluais i a dh'Inbhir Nis an toiseach agus tha i an sàs ann an "Sgioba Seonaig" a' cumail taic rithe.

"Tha i airidh air an duais seo oir tha i air tòrr obrach a dhèanamh."

Thuirt Ceitidh Ann gu bheil i air a bhith nas trainge buileach on bha Covid ann.

"Bhiodh i a' dèanamh bèicearachd gus silidh a-staigh agus bhiodh i a' falbh agus a' fàgail stuth aig dorsan dhaoine.

"'S dòcha gum fosgladh tu doras agus bhiodh cèic romhad aig an doras agus bha i a' dèanamh sin fad a' ghlasaidh."

Ceathrar fhear ri plòigh aig pàrtaidh sa ghàradh aig Seonag NicAnndraisTùs an deilbh, SEONAG NICANNDRAIS
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Seonag a' cumail pàrtaidh sa ghàradh aice dhaibhsan a bhios a' cumail taic rithe san obair charthannais

Thàinig Kathleen Mhoireach a dh'fhuireach ann an Inbhir Nis bho chionn ochd bliadhna.

Bha i a' roimhe an sàs ann a bhith a' cur air dòigh nam mòdan ionadail an Cille Bhrìghde an Ear.

"Bhiodh sinn a' bruidhinn ri Seonag air a' fòn agus cha robh càil a dh'fhios againn cò a bh' innte."

Bhon ghluais i a dh'Inbhir Nis tha i air eòlas a chur air Seonag.

"Tha uiread de phlòigh innte agus tha i cho còir. Cha d' fhuair mise seachad air na bha i a' dèanamh do dhaoine eile," thuirt Kathleen.

Kathleen Mhoireach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Kathleen Mhoireach a' moladh na bhios Seonag "a' dèanamh do dhaoine eile"

Tha an seinneadair Fiona J NicCoinnich ag obair còmhla ri Seonag ann an oifis a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an Inbhir Nis.

Chuir i eòlas an toiseach oirre ge-tà, nuair a bha Seonag a' dèanamh nan deuchainnean cànain dhaibhsan a bha airson a bhith a' seinn aig a' Mhòd sna farpaisean mòra.

"Tha i ag obair fad an là, fad na h-oidhche fiù 's, airson nan tachartasan agus tha sinn daonnan a' coimhead air adhart ris an ath-thachartas.

"Tha i daonnan a' beachdachadh air cò as motha a tha feumach air an airgead a thogas i.

"'S e boireannach sònraichte a th' innte," thuirt Fiona.

Fiona J NicCoinnich
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fiona J NicCoinnich ag ràdh gur "e boireannach sònraichte" a th' ann an Seonag

Tha Seonag ag ràdh gur e urram mòr a th' ann gu bheil i air geàrr-liosta Duaisean Dèan Diofar aig Radio nan Gàidheal.

Tha feallsanachd shìmplidh aice airson daoine a bhrosnachadh.

"Èirich, cuir romhad a dhèanamh agus dèan e!

"Fhad 's a bhios mo shlàinte agam agus tha làithean agus i caran cugallach ach tha mi ag èirigh agus tha mi a' dèanamh mo dhìchill."

Suaicheantas Duaisean Dèan Diofar aig a' BhBC

'S e am britheamh airson Duaisean Dèan Diofar Radio nan Gàidheal Kerry Nic a' Phì a bhuineas do dh'Uibhist a Deas.

Tha i na rothaiche-beinne proifeasanta agus 's i a' chiad bhoireannach às na h-Eileanan an Iar a bha a' farpais ann an Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis.

'S iad na craoladairean Kaye Adams agus Michelle McManus a bhios a' measadh cò as motha a tha airidh air duais a-mach às na roinnean eile.

Gheibhear na h-ainmean uile aca agus barrachd fiosrachaidh mu Dhuaisean Dèan Diofar a' BhBC an seo.