Làmhag Linn na Cloiche air ais air na Lochan

An ceann làmhaig
  • Air fhoillseachadh

Tha ceann làmhaig a tha mu 5,000 bliadhna de dh'aois air tilleadh do sgìre na Pàirce ann an Leòdhas far an do lorgadh e.

Bha an ceann cloiche bho Linn an Cloiche greis mhath fallaichte ann am balla seann taigh-dubh ann an Gràbhair.

Bha fear Dòmhnall MacLeòid a' leagail seann dachaigh a shean-sheanar sna 80an agus clachan a dhìth gus cidhe Ghràbhair a thogail nuair a lorg e an t-inneal.

Ann an 1983 chaidh a thoirt do Gerald Ponting a bha na thidsear ann an Leòdhas aig an àm ach a bha air cliù a chosnadh mar arc-eòlaiche amadaireach.

Bhiodh e a' sgrìobhadh coilbh ann an Gazzette Steòrnabhaigh mun obair sin.

Nuair a dh'fhàg Mgr Ponting Leòdhas thug an làmhag dhachaigh leis a Hampshire, ach tha e a-nis air a thoirt do Chomann Eachdraidh na Pàirce a bhios ga thaisbeanadh sa chruinneachadh aca aig Rubha an Fhithich.

Gerald Ponting a' toirt ceann na làmhaig gu Donaidh Moireasdan bho Chomann Eachdraidh na Pàirce
Fo-thiotal an deilbh,

Gerald Ponting a' toirt ceann na làmhaig gu Donaidh Moireasdan bho Chomann Eachdraidh na Pàirce

"'S e rud iongantach a th' ann nuair a chuireas tu rud mar sin na do làimhe," thuirt Cathraiche Chomann Eachdraidh na Pàirce, Donnie Moireasdan.

"Tha thu a' smaoineachadh 'cò na daoine a bha ag obair leis a seo bho chionn còig mìle bliadhna?'"

Bhiodh a' chlach air seasamh a-mach don fheadhainn a bha a' leagail an t-seann taighe.

"Tha iad ag innse dhuinn gur ann tro 'ice-flow' no rudeigin a thàinig a' chlach seo," mhìnich Donnie.

"Chan e an seòrsa cloiche a tha an seo ann an Leòdhas a th' ann. Tha dath oirre a tha annasach agus tha iad ag ràdh gur dòcha gur e pàirt den dath an ceò anns an t-seann taigh."

Chan eil fhios càite an deach an làmhag a lorg mus deach a cur dhan bhalla den taigh-dhubh, ach bha cleachdadh aig daoine leithid de rud a chur ann am ballachan airson deagh fhortan fhaighinn.

Ceann làmhaig
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh an ceann làmhaig air a thaisbeanadh ann am bogsa glainne sònraichte

Bha an Comann Eachdraidh fortanach gun deach a lorg ann am balla, seach anns a pholl, agus riaghailtean a thaobh seann stuthan a thèid a lorg a' fàgail nach ann le Mòr-ulaidh Alba a tha an làmhag.

Bha Gerald air fios a chur orra ach thuirt iad nach robh iad ga iarraidh.

"'S ann air sgàth 's gun deach a lorg ann an togalach seachd san talamh nach robh iad ga iarraidh.

"Caran fortanach oir mura a b' e sin bhiodh i ann an taigh-tasgaidh ann an Dùn Èideann an àite a bhith ann an seo," thuirt e.

Gerald Ponting agus an ceann làmhaig na làimh

Bha Gerald den bheachd gun robh e ceart an làmhag a thilleadh don sgìre às an tàinig i.

Thuirt e: "Chan eil sinn ach còig mìle bhon t-seann taigh agus an cidhe ann an Gràbhair agus gheibh daoine an seo a-nis cothrom an rud iongantach seo fhaicinn."

Tha Gerald air a bhith ga thaisbeanadh ann an ceann a deas Shasainn is e a' bruidhinn mu na nithean a lorg e mar arc-eòlaiche amadaireach, agus bha cothrom air daoine a' chlach a làimhseachadh.

Chan eil an cothrom sin gu bhith aig daoine aig Rubha an Fhithich agus bogsa-taisbeanaidh ùr gu bhith aca san taigh-tasgaidh a dh'aithghear.

A dh'andeoin sin ge-tà tha dùil gun tig daoine o fad is farsaing gus coimhead air tron ghlainne.