Einnsean, drochaid agus creag

A' Chreag ann am Baile a' Chaolais an-diughTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

B' i a' Ghàidhlig cànan obrach na Creige ann am Baile a' Chaolais suas gu 1955 nuair a dhùin i

  • Air fhoillseachadh

'S e bliadhna shònraichte a tha seo do Bhaile a' Chaolais, agus grunn cheann-bliadhna gan comharrachadh.

Nam measg tha 70 bliadhna bho dhùin na cuaraidhean sglèata, cha-mhòr 60 bliadhna bho dhùin an rathad-iarainn chun a' bhaile, agus 50 bliadhna bho chaidh drochaid thar Caolas MhicPhàdraig a thogail an àite aiseig.

Tha a' choimhearsnachd an dùil cuid de thachartasan-cuimhneachaidh a chumail sna mìosan a tha romhainn.

Air an deireadh-sheachdain, bha a' chiad taisbeanadh aca, a' coimhead air a' bhaile anns na làithean sin.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Dùghall Mac Ille Mhaol agus Alasdair MacAonghais a' bruidhinn ann an 1983

Bha uair - 's chan eil cho fada sin bhuaithe - a bha Baile a' Chaolais làn Gàidhlig.

Cha chanadh tu sin mu mhòran àitichean air tìr-mòr Earra-Ghàidheal (agus gu traidiseanta, tha Baile a' Chaolais ann an Earra-Ghàidheal).

Ach b' e gun robh "a' Chreag" aca mar bhun-stèidh na h-eaconomaidh - cuaraidh ainmeil sglèata, san robh a' Ghàidhlig mar chànan obrach. Mura robh a' Ghàidhlig agad, cha robh obair agad ann.

Chùm sin an cànan beò sa bhaile, agus ann am bailtean faisg air làimh leithid Ghleann Comhann, gu math na b' fhaide na mhair i ann na sgìrean eile de dh'Earra-Ghàidheal.

Dhùin a' Chreag ge-tà, ann an 1955, 's mean air mhean dh'fhalbh a' Ghàidhlig, 's mòran de na daoine a bha ag obair ann a' falbh airson cosnadh eile fhaighinn.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Eilidh Sykes

"Bha tòrr de mo theaghlach an sàs leis a' chuaraidh," thuirt Eilidh Sykes, à Baile a' Chaolais.

"Tha litrichean agam bho dhaoine a sgrìobhadh thall gu Canada a' bruidhinn air an obair anns a' chuaraidh fhèin.

"Tha mi a' smaointinn gur e fìor dheagh choimhearsnachd a bh' aca."

Nuair a dhùin a' Chreag ge-tà, thug e buaidh mhòr air a' bhaile.

"Bha e gu math inntinneach a' cluinntinn mu dheidhinn an obair a rinn Buidheann Leasachaidh na h-Alba aig an àm sin air atharrachadh a' bhaile fhèin, agus na h-atharrachaidhean a thàinig às dèidh dùnadh a' chuaraidh.

"Tha an Rubha ann am Baile a' Chaolais, bha e air a thogail uile leis an sglèat bhon chuaraidh agus 's e obair mhòr a chaidh a-steach an sin."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Seasaidh NicCoinnich

Bha an sglèat an toiseach ga thoirt air falbh ann an eathraichean, agus chìthear cidhichean air an dèanamh le sglèat fhèin chun an là an-diugh far an robh e ga chur air bòrd.

Ach ann an 1903, dh'fhosgail Companaidh Rèile an Òbain 's Chalasraid loidhne-gèige gu Baile a' Chaolais, 's dh'fhalbh an sglèat air sin.

Thug an rèile cuideachd mòran stuthan don bhaile.

Ach ann an 1966, ri linn ghearraidhean Beaching, dh'fhalbh siud cuideachd.

B' i Seasaidh NicCoinnich a ghlais doras an stèisein airson an turas mu dheireadh.

"Cha robh na bha siud de thrafaig rathaid ann, 's thàinig a h-uile càil a-steach air an rèile," thuirt i.

"Bha mise am measg an fheadhainn mu dheireadh a chuir car den iuchar san doras.

"Bha sin caran brònach."

Drochaid a' ChaolaisTùs an deilbh, M J Richardson/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mòran nach bi a' stad ann am Baile a' Chaolais an-diugh, 's an drochaid air àite an aiseig a ghabhail thar Chaolas MhicPhàdraig

Fiù 's an dèidh sin ge-tà, fo sgàil a' chuimhneachain do chrochadh Sheumas a' Ghlinne ann an 1752, bha bàt-aiseig a' dol a-null 's a-nall thar Chaolas MhicPhàdraig, a' toirt trafaig rathaid tarsain air Loch Lìobhainn.

Thàinig sin gu ceann ann an 1975 ge-tà, nuair a chaidh drochaid a chur thar a' chaolais.

A dh'aindeoin gach bòidhcheid na sgìre, cha robh an uair sin adhbhar aig daoine fanachd sa bhaile mar a bha, a' feitheamh air an aiseag, agus an-diugh bidh mòran a' gabhail troimhe gun stad 's iad air an A82 à Glaschu, no rathad an Òbain.

'S e baile gu math eadar-dhealaichte a th' ann an-diugh, gach cuid a thaobh cànain, eaconomaidh agus sluaigh, agus thairis air na mìosan a tha romhainn, thèid na h-atharrachaidhean sin a chomharrachadh le muinntir an àite.