Stailc eile aig òraidichean
- Air fhoillseachadh

Bidh òraidichean aig còig colaistean a tha nam pàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) air stailc a-rithist Dimàirt, agus iomairt nàiseanta mu ìrean pàighidh a' leantainn.
Tha aonadh an luchd-teagaisg, an EIS, a' gearain air cho eadar-dhealaichte 's a tha pàigheadh òraidichean eadar diofar cholaistean ann an Alba.
Tha dùil gun tèid còmhraidhean a chumail eadar an EIS agus a' bhuidheann a tha a' riochdachadh nan colaistean, Colaistean na h-Alba, Dimàirt.
Ach tha stailc eile air fàire Diardaoin, le dùil ri tuilleadh an ath-sheachdain mura tèid aonta a ruighinn.
"Bha sinn air ar dòigh an-uiridh nuair a dh'aontaich na manaidsearan ri cùmhnantan ùra tuarastail," thuirt Rùnaire Meòir an EIS aig Colaiste Inbhir Nis UHI, Anndra Chatterton.
"Chaidh sin aontachadh sa Mhàrt 2016.
"Dhearbh Colaistean na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba gun deach airgead a chur an dàrna taobh gus pàigheadh airson an ath-reusanachaidh a tha seo air na tuarastail.
"'S e an gnothach a-niste, na manaidsearan. Tha iadsan a-niste ag ràdh gum feum cùmhnantan is teirmean a bhith air an cur an lùib sin.
"Cha b' e sin idir na chaidh aontachadh sa Mhàrt 2016.
"Tha aithreachas mòr oirnn mun bhuaidh a tha seo a' toirt air na h-oileanaich, agus tha sinn ag iarraidh air manaidsearan cholaistean air feadh na h-Alba, agus air Riaghaltas na h-Alba, tighinn gu aonta gus seo a rèiteachadh gus am bi a h-uile duine sàsaichte."
Thuirt Colaistean na h-Alba nach gabh pàigheadh dealachadh bho chùmhnantan is teirmean, agus gu bheil na h-òraidichean a' dol air stailc airson tuilleadh làithean-saora fhaighinn, agus nas lugha ùine a chur seachad a' teagasg.